Page 1 of 1

Faclan ùra : Ràitheachan

Posted: Fri Jul 29, 2016 1:52 am
by An Gobaire
Tha ràitheachan againn anns a' Ghàidhlig air quarterly magazine.

Chan eil "làitheachan" sna faclairean, ach saoilidh mi gun dèanadh e an gnothach mar eadar-theangachadh air "daily magazine", seach dìreach "iris làitheil" a bhith againn.

'S math a bhith smaoineachadh gu saorsneil air na rudan seo.

Faclan ùra : Ràitheachan

Posted: Fri Jul 29, 2016 10:43 am
by poor_mouse
Eadar dà sgeul, nach eil sin car neònach:
Toraidhean an Fhaclair Bhig wrote:sia-ràitheach
fir. gin. ┐ iol. -thich
1 five quarter old tup 2 eighteen month old calf
Toraidhean Dwelly wrote:sia-ràitheach
(CR) sm Gimmer, six-quarter-old sheep — W. of Ross-shire.

Faclan ùra : Ràitheachan

Posted: Fri Jul 29, 2016 10:55 am
by GunChleoc
Tapadh leat, chuir mi gu ceart e!

Bhiodh ciall ann an "làitheachan" on a tha "mìosachan" ann cuideachd.

Faclan ùra : Ràitheachan

Posted: Fri Jul 29, 2016 12:59 pm
by akerbeltz
A bheil a leithid ann, iris a thig a-mach gach latha?

Faclan ùra : Ràitheachan

Posted: Sat Jul 30, 2016 8:15 am
by GunChleoc
Ma bheachdaicheas tu air irisean air loidhne mar a tha Dàna, seadh, san latha an-diugh, tha.

Faclan ùra : Ràitheachan

Posted: Sun Aug 07, 2016 5:17 am
by An Gobaire
A bheil a leithid ann, iris a thig a-mach gach latha?
Nach fhaighear irisean làitheil, quotidiens, san Fhraing, mar eisimpleir?

Co-dhiù, tapadh leibh 'son ur beachdan. San dol seachad, an e "lathachan" a b' fheàrr seach "làitheachan", nam biodh a leithid ann?

mìosachan
ràitheachan (bho ràith)

ach

lathachan (bho latha)

dè ur beachd?

Faclan ùra : Ràitheachan

Posted: Sun Aug 07, 2016 8:50 am
by GunChleoc
Saoilidh mi gum biodh "làitheachan" na b' fhearr - nach dèid "là"/"latha" an-còmhnaidh 'na "làith-" nuair a nì thu rudeigin gràmarach leis?

Cuideachd, tha ciall eile ann an làthach nach biodh tu ag iarraidh :mc:

Faclan ùra : Ràitheachan

Posted: Sun Aug 07, 2016 12:00 pm
by akerbeltz
Tha facal againn airson quotidien mu thràth... "pàipear-naidheachd làitheil".

Cha chreid mi gu bheil feum idir air facal d' a leithid. Nam biodh, 's e làitheachan a b' fhearr mar a mhol GunChleoc, tha lathachan a' cur làthach an sùilean dhaoine sa chiad dol a-mach mar a thuirt i.