Page 1 of 1

A' seotadh agus a' tapachadh

Posted: Fri Dec 14, 2018 9:14 am
by An Gobaire
Laigh mo shùil air deagh abairt mu bhith a' sgrùdadh 's a' seòrsachadh tagraichean (candidates) airson a' phoileis.

Bhon Dòrnaidh, sa Mhormhaich (Gleann Seile)- DASG
: a’ seòrsadh nan uan. Notes: sorting lambs according to quality for the sale. (gan topadh – 1st quality ’s gan seotadh – 2nd quality)
seotadh Quotation: a’ topadh agus a’ seotadh nan uan. Notes: separating the first and second quality.[/quo

Agus ann an sgeulachd mu "Para Bàn" a' lorg obair ann an Glaschu bhon t-seann iris "Mosgladh" à Albainn Nuaidh.
...bha e aig an àite anns an robh iad a' seotadh agus a' tapachadh na muinntir sin a bha ag iarraidh air a' Pholice
('S e sin "na daoine a bha a' lorg obair aig a' phoileas - dh'fheumadh iad a bhith os cionn àirde àraidh mus faigheadh iad cothrom)

Abairt inntinneach, ach dè a' Bheurla a bheireadh tu oirre san t-seagh mu "Para Bàn"?
Chanainn fhèin gun obraicheadh e mar eadar-theangachadh Gàidhlig air "short-listing" sa Bheurla.

narrowing down the list of candidates; short-listing candidates - a' seotadh agus a' tapa(cha)dh nan tagraichean

Beachd sam bith?

A' seotadh agus a' tapachadh

Posted: Sat Dec 15, 2018 10:56 pm
by Droigheann
An Gobaire wrote: Abairt inntinneach, ach dè a' Bheurla a bheireadh tu oirre san t-seagh mu "Para Bàn"?
An dèan "separate the sheep from the goats" an gnothach?

A' seotadh agus a' tapachadh

Posted: Sat Dec 15, 2018 11:44 pm
by An Gobaire
Dhèanadh gu cinnteach, ach cò as fheàrr na sheepp no na goats!?

A' seotadh agus a' tapachadh

Posted: Sun Dec 16, 2018 12:56 pm
by akerbeltz
seota = reject, runt

topadh = Beurla (Ghallda) canar "topping lambs" ris an fheadhainn a gheibh a' phrìs as àirde agus tha top a' dol eadar top is tap ann am Beurla Ghallda.

Ach deagh eisimpleir, mòran taing, goididh mi sin 8-)