Page 1 of 1

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Tue Jan 08, 2019 4:10 am
by An Gobaire
Hallo

Tha mi a' tòiseachadh an t-sreatha seo mar chuideachadh do Akerbeltz a thaobh leasachadh leantainneach an Fhaclair Bhig.
Seo a' chiad phost bhuamsa.

FÀNACH

Thug mi fa-near gu bheil am facal "fàn" anns an Fhaclair Bheag

fàn /faːn/
fir. gin. ┐ iol. fàin
slope, declivity, descent

fàn-leac
boir. gin. -lice, iol. -an
leaning stone/menhir

ach chan eil am buadhair co-cheangailte ris "fànach" ann.

Leis gu bheil e a' nochdadh ann an sgrìobhadh bhon 20mh linn, tha mi am beachd gum b'fheàirrde a chur ann.

Seo eisimpleir de "fànach" air a chleachdadh ann an sgrìobhadh Iain MhicCormaig.

"Air gach taobh dhen ghleann tha maolan mòra, cruinne, gorma ag èirigh suas, sìnteach, fànach, gus a bheil na crùlaistean sgorach, creagach a' dèanamh am beic ris an speur."

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Tue Jan 08, 2019 11:44 am
by akerbeltz
Glan, mòran taing, tha e ann a-nis! Dè an leabhar a tha sin?

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Tue Jan 08, 2019 11:53 am
by An Gobaire
Deò-ghrèine Vol XIII, leabhran mu dheireadh, le Iain Mac Cormaig

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Tue Jan 08, 2019 1:38 pm
by akerbeltz
An e sin Iain a sgrìobh Dùn Àluinn?

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Tue Jan 08, 2019 3:25 pm
by An Gobaire
Sè.
Is ann eadar 1917 is 1918 a chaidh Deò Ghrèine XIII fhoillseachadh, mar sin, 's fheudar gun robh e na sheann aois nuair a sgrìobh e am pìos air a bheil mi mach. Tha e a' dèanamh tuairisgeul de Ghleann na h-Eilde - sin far a bheil an rosgrann sin a' nochdadh.

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Sun Jan 13, 2019 1:13 pm
by akerbeltz
Glan, mòran taing!

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Tue Feb 19, 2019 4:49 am
by An Gobaire
Tha na leanas seo bhon Fhaclair Bheag ceàrr:

tha deàrrsadh uisge ann
it's pouring down, there's a downpour


Is e "dearrsach uisge" a chanas na h-Uibhistich ri meall mòr uisge bhon speur.
Agus bho sin, gheibhear "Ghabh e dearrsach" - dh'òl e mòran de dheoch làidir.
Chan e "deàrrsadh" a th' ann idir.

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Sat Mar 23, 2019 9:02 pm
by akerbeltz
Mòran taing a-rithist, chuir mi ceart an deàrrsadh agus chuir mi ris an deàrrsach eile!

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Sun May 26, 2019 4:45 pm
by An Gobaire
Se do bheatha e. Ma bhios "-rr" ann, a bheil feum air an stràc?

Am Faclair Beag - Faclan a dh'fhaodadh cur ann

Posted: Mon May 27, 2019 6:11 pm
by GunChleoc
Rinn sinn atharrachadh air an Fhaclair Bheag on chionn goirid ach an lean sin air GOC a thaobh sin o nach eil sinn an dùil gun lean daoine air an sgrìobhadh eile 's nach dèan e cus cron a thaobh fuaimneachaidh. B' fheàrr leinn gearr -> gearradh ach iarraidh GOC geàrr -> gearradh.