Page 1 of 2

Dearbhairean-litreachaidh

Posted: Thu Dec 02, 2010 6:26 pm
by akerbeltz
Nollaig chridheil dha na Gàidheil, na Gàidheileamailtich 's daoine eile le Gàidhlig air feadh an t-saoghail o sgioba an Fhaclair Bhig (Will Robertson, Michael "Akerbeltz" Bauer agus Kevin "Còir" Scannell

Dearbhair-litreachaidh airson OpenOffice

agus

Dearbhair-litreachaidh airson Firefox is Thunderbird

Re: Dearbhairean-liteachaidh

Posted: Thu Dec 02, 2010 9:34 pm
by Seonaidh
Obh obh...nach eil spel-teacaire ann airson ClosedOffice, no MS-Worm mar a dh'ainmichear?

Re: Dearbhairean-liteachaidh

Posted: Thu Dec 02, 2010 9:48 pm
by akerbeltz
Tha Windows nas sparragaiche ach tha sinn ag obair air 8-)

Re: Dearbhairean-liteachaidh

Posted: Fri Dec 03, 2010 7:19 am
by Gràisg
@Sheonaidh
Dearbhairean-liteachaidh Gaidhlig Word? - Nach eil an liosta faclan ud gu tur bho Smachd Mgr Gates? Saoilidh mi nach urrainn dhut ga chleachdadh airson dad sam bith eile feumail don Chànain - bathar-bog geama scrabble air loidhne mar eisimpleir?

@ Akerbeltz, Sin thu fhèin a bhalaich. Co-dhiù. Bha mi ga lorg, chaidh e a-steach Firefox (nam bheachdsa) an uair sin bha mi an dùil icon air choireigin fhaicinn air an tool bar ach cha robh dad ann. An bu chòir dhomh a leithid fhaicinn?

Re: Dearbhairean-liteachaidh

Posted: Fri Dec 03, 2010 11:42 am
by akerbeltz
Deagh phuing, bu chòir dhomh seo a chur ris an tuairisgeul air Mozilla.

Dèan seo:
1) Rach gu Innealan/Tools
2) Roghainnean/Options
3) Roghainnean adhartach/Advanced Options
4) Cuir cromag ri Ceartachadh-litreachaidh beò/Check spelling as you type

Nochdaidh loidhnichean dearg fo fhaclan nach eil ceart (agus Beurla) an uairsin. Ma nì thu briogadh deis an uairsin, chì thu na molaidhean aig an dearbhair-litreachaidh.

Ok, chuir mi mìneachadh an dà chuid ri Firefox is OpenOffice.

Re: Dearbhairean-liteachaidh

Posted: Fri Dec 03, 2010 12:21 pm
by faoileag
Chan eil mise ro mhath le rudan teicnigeach, ach feuchaidh mi e cuideachd.

Ach 's dòcha gum bu choir sinn a chleachdaidh airson teachdaireachdan air an Fhòram seo cuideachd - thoir sùil air an tiotal agad! :spors: :lol:

Ach sin thu fhèin - deagh obair, mar as àbhaist.

Dè dhèanamaid às d' aonais! :moladh:

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Posted: Fri Dec 03, 2010 1:11 pm
by akerbeltz
Aoibh, tha thu ceart ;)

Agus gun robh mìle math agad son do mholadh :D

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Posted: Fri Dec 03, 2010 9:30 pm
by Neas Olc
Bha mi fhathast a cleachdadh dearbhair-litreachaidh airson Fraingis/Beurla/Cuimris agus bha mi dìreach a feitheamh ri fhear airson Gàidhlig. Glè chleachdail!

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Posted: Sun Dec 05, 2010 8:34 am
by Gràisg
Dh'obraich sin gu math a charaid :) Chunnaic mi pailteas loidhneachan dearga fhad 's a bha mi a' sgrìobhadh an teachdaireachd seo.

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Posted: Sun Dec 05, 2010 10:51 am
by akerbeltz
Tha mi toilichte sin a chluinntinn :)

Mar a thuirt mi, tha rudan beaga ann a tha neònach fhathast. Mar eisimpleir, mhothaich mi nach robh na foirmean ann airson "luchag" (luchaig/luchaige...) ach cuiridh sinn ceart seo ri tìde. Ma mhothaicheas sibh do rudan neònach mar seo, nach leig sibh fios dhuinn an-seo?

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Posted: Tue Dec 07, 2010 12:44 pm
by GunChleoc
Mòran taing! Chuir mi duilleag ùr ris an làrach-lìn againn. Tha dearbhairean ann mar-thà airson Word agus MacOX http://www.foramnagaidhlig.net/index.php?page=116

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Posted: Tue Dec 07, 2010 12:47 pm
by akerbeltz
Tha am fear againne nas fhearr 's nas motha ge-tà 8-)

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Posted: Tue Dec 07, 2010 1:43 pm
by GunChleoc
Cha chreid mi nach eil :D

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Posted: Tue Dec 07, 2010 3:23 pm
by akerbeltz
Agus air Thunderbird a-nis cuideachd:

https://addons.mozilla.org/en-US/thunde ... on/260204/

Sàbhail am faidhle 's dèan na leanas an uairsin:
1) Innealan/Tools
2) Roghainnean/Options
3) Tuilleadain/Addons
4) Rianach/Administer
5) Stàlaich/Install
6) Ceart ma-thà/OK

Sin agaibh e.

Trioblaid bheag

Posted: Wed Dec 08, 2010 10:06 am
by An Gobaire2
Tha seo math da-rìreamh. (Cuin a dh'atharraich da-rìribh gu da-rìreamh!!! )

Co-dhiù, coltach ri dearbhair Word, chan eil seo coileanta, ged a tha e nas fheàrr.

Bidh loidhnichean dearga an-còmhnaidh a' nochdadh fo an t-, no na h- agus mar sin air aghaidh. Mar eisimpleir, "an t-òran". Tha loidhne dearg fon "t".

Dè ghabhas dèanamh mu dheidhinn?