Quick Locale Switcher

Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Quick Locale Switcher

Unread post by akerbeltz »

Ok, latha ùr, goireas ùr...

Thog mi iomradh air an Quick Locale Switcher roimhe ach tha tionndadh ùr ann a-nis agus tha an leudachan fhèin sa Ghàidhlig cuideachd a-nis.

Dè nì e ma-thà? Gu goirid, leumaidh e eadar cànain eadar-dhealaichte airson na h-eadar-aghaidh. Tha sin air leth feumail do dhaoine a tha a' cleachdadh coimpiutair còmhla ri daoine aig nach eil Gàidhlig. Siuthadaibh ma-thà, chan eil leisgeul ann tuilleadh gun a chleachdadh!

As dèidh dhuibh a stàladh, gheibh sibh e fo Innealan > Quick Locale Switcher. AIRE: Chan eil na pacadaidean cànain an cois an QLS a o thùs oir tha cus ann dhiubh. Dèanaibh na leanas:
  1. Roghainnean > Sgeamannan ionadail
  2. Cuiribh cromag ris na cànain a tha sibh ag iarraidh ann, m.e. gd (Gàidhlig) agus en-UK (Beurla) air neo Gàidhlig agus Ruisis.
  3. Chì sibh, aig bun na h-uinneige ud, rud a tha ag ràgh Faigh barrachd pacaidean cànain. Briogaibh air sin 's bheir e sibh dhan duilleag far a bheil pacaidean cànain Mozilla.
  4. Taghaibh na tha a dhìth oirbh is stàlaichidh Firefox sin leis fhèin. Bidh again ri Firefox ath-thòiseachadh ach sin agaibh e!


akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Quick Locale Switcher

Unread post by akerbeltz »

Ok, seo dhuibh treòir bheag le dealbhan!

1) Faigh an Quick Locale (=cànan) Switcher
2) Stàlaich e (cha leig thu leas ach leantainn ris na tha e ag iarraidh ort
3) Fosgail e - tha grad-cheangal ann aig bun na h-uinneige air an làimh chlì agus tagh Options (chan fhaic sibh Gàidhlig/English UK ann aig an ìre-sa, foighidinn!):
Image
3) Briog air Locale agus an uairsin, aig bun na h-uinneige sin air Get More Language Packs (litrichean gorma):
Image
4) Fosglaidh sin uinneag ùr. Tagh an cànan a bharrachd a tha a dhìth ort ann (en-GB = English UK) mar is trice ach 's urrainn dhut na thogras tu de chànain eile a chur ann:
Image
5) Stàlaich sin, thèid Firefox ath-thòiseachadh (a-rithist). Niste, Fosgail an Quick Locale Switcher a-rithist is rach gun taba General 's cuir na leanas ann:
Image
6) Agus dhan taba Locales a-nis. Thoir air falbh a' chromag o gach cànan nach eil thu ag iarraidh, cuir cromag ris an fheadhainn a tha thu ag iarraidh agus cuir Gàidhlig ann (chan eil e ann a ghnàth aig an ìre-sa):
Image
7) Sin agad e, 's urrainn dhut leumadh eadar Beurla 's Gàidhlig a-nis (leis an uinneag bheag aig bun na h-uinneige air an làimh chlì). No cànain sam bith eile a stàlaich thu. Thoir an aire gun tòisich Firefox as ùr mar dh'atharraicheas tu an cànan agus ma nì thu sin 's tu air logadh a-steach ann an internet banking no rudeigin mar sin, gum bi agad logadh a-steach ann a-rithist.
(8) Ma tha thu a' cleachdadh Google sa Ghàidhlig agus/no Firefox fhèin ann an Gàidhlig, feumaidh tu aon roghainn eile atharrachadh a tha an Quicke Locale Switcher ag atharrachadh gun dùil ris. Mur atharraich thu seo, 's mathaid gum faic thu iomadh làrach ann am Beurla seach Gàidhlig ma tha iad comasach air rud air a bheil "recognise locale". Fosgail Firefox agus rach gu: Innealan > Roghainnean > Subaint > Cànain + Tagh agus thoir air falbh no gluais en-US, co-dhiù gus am bi Gàidhlig sa chiad àite:
Image
Bidh gach rud mar a b' àbhaist a-nis!
Post Reply