Page 1 of 1

Dearbhadh-litreachaidh ann an Opera

Posted: Mon Jul 18, 2011 5:24 pm
by akerbeltz
A chàirdean,

Tha dearbhadh-litreachaidh Gàidhlig ri fhaighinn am broinn Opera a-nis cuideachd. Tha e glè fhurasta fhaighinn ann agus seo dhuibh treòir bheag:

1) Ann am bogsa teacsa (cha mhòr bogsa sam bith ach tha cuid ann nach eil ag obair, feuchaibh am bogsa air prìomh dhuilleag Google sa chiad dol a-mach), cuiribh a-steach facal sam bith 's dèanaibh briogadh deas air an fhacal. Aig bun na liosta, cuiribh cromag ri Ceartaich an litreachadh agus an uairsin briogaibh air Faclairean agus Cuir ris/Thoir air falbh faclairean...
Image

2) Cuiribh cromag ri Gàidhlig sa liosta agus aontaichibh ris a' cheadachas GNU.
Image

3) Tha dearbhadh-litreachaidh sa Bheurla ann a ghnàth ach ma tha sibh ag iarraidh Gàidhlig, tha agaibh r' a taghadh mar fhaclair bunaiteach:
Image

4) Sin agaibh e. Chì sibh loidhnichean dearga fo fhaclan air a bheil coltas neònach ann an sùilean an fhaclair 's gheibh sibh a chuid molaidhean ma nì sibh briogadh deas air facal:
Image

NB: Tha fios gu bheil rudeigin neònach le t-/t-- san sgaoileadh mu dheireadh. Chan eil sinn buileach cinnteach carson fhathast ach tha sinn ag obair air! An dòchas gum bi e feumail dhuibh!

Re: Dearbhadh-litreachaidh ann an Opera

Posted: Tue Jul 19, 2011 3:40 pm
by caoimhin
Tha fhéin a Mhìcheil!! Agus tha e gu math furasta r'a chur air dòigh.

Rud neònach: Dh'fheuch mi "Tha mi sgith" a sgrìobhadh agus bha e a' smaoineachadh gun robh "sgith" ceart gu leòr gun sràc. A bheil a leithid de dh'fhacal sa Ghàidhlig agus "sgith" gun sràc?

Caoimhín

Re: Dearbhadh-litreachaidh ann an Opera

Posted: Tue Jul 19, 2011 4:12 pm
by akerbeltz
Tha sgith (thornback ray) ann ach cuiridh mi sin air liosta nam facal o Dwelly nach cuir sinn san ath thionndadh dheth, mòran taing!

Tha sinn air an t-uamhas dhen na faclan annasach aig Dwelly a shìoladh a-mach mu thràth ach tha grunn ann fhathast. Lorg mise "cu" an-dè a shnàig a-steach an cois "cu-chullain" (bedstraw). :roll: