
Nise, mar a rinn mi roimhe, seo dhuibh an treòir mus innis mi dhuibh cà 'm faigh sibh e, air neo cha leugh sibh an treòir idir

Faighibh am faidhle stàlaidh ceart airson an rian obrachaidh agaibh. Mar is trice, 32bit ma tha sibh air Windows XP agus 64bit airson Vista/7. Bidh fios aig muinntir Linux air dè dh'fheumas iad!

Taghaibh Install (bidh an stàladh gu lèir sa Bheurla)

Leigibh leis a stàladh agus bidh e fo Start > Programs > Scrabble 3D an uairsin. Nuair a thòisicheas sibh am prògram a' chiad turas, bidh cothrom agaibh Gàidhlig a thaghadh an dà chuid mar chànan a' phrògraim agus cànan nan geamannan fhèin.
Mus dèid mi nas fhaide - ma gheibh sibh a' mhearachd seo leanas:

Tillibh dha na roghainnean agus fo taba a' Choimpiutair, bheiribh air falbh an roghainn Multithreaded:

Ok, nise, tha e furasta gu leòr geama a chluich an aghaigh a' choimpiutair, chan eil mi dol a dh'innse dhuibh mòran mu dhèidhinn sin agus gu feum sibh briogadh air 2 chluicheadair:

Tha e fada nas inntinniche cluiche an aghaidh cuideigin. Tha ball gorm gu h-àrd, briogaibh air gus geama a chluich air an lìonra:

Feumaidh sibh far-ainm is facal-fair a thaghadh. Chan e rud mòr, tèarainte a tha seo, chan eil sin ann ach gus nach urrainn do chuideigin eile cluich fo 'r n-ainm:

Chì sibh na daoine air an lìonra a-nis. Tha bratach na lèine a' comharradh na dùthcha aig cluicheadair agus am bratach eile cànan a' phrògraim. Dèanaibh briogadh deas air an neach a tha sibh airson cluich leis agus bheiribh cuireadh dhaibh:

Feumaidh an neach a thug an cuireadh seachad tòiseachadh air geama ùr:


Agus sin agaibh e. Tha iomadh gleus eile aig a' gheama seo ach 's urrainn dhuibh fhèin am fiosrachadh a-mach. Aon rud eile mus innis mi dhuibh cà 'm faigh sibh e. Ged a tha aon fhaclair sa gheama, tha dà roinn san fhaclair, faclan às an Fhaclair Bheag agus faclan à Dwelly. Gheibh sibh faclan nas inntinniche ma cheadaicheas sibh an dà rud ach ma tha sibh airson cuairt nas fhasa a chluich, bheiribh air falbh a' chromag às a' bhogsa agus cha nochd uiread a dh'fhaclan inntinneach.
Gheibh sibh e air Uici a' gheama is Sourceforge agus tha fòram aig a' gheama. Ach gheibh sibh taic an-seo cuideachd.
Chì mi ann sibh, geamairean abù!