Page 1 of 1

MediaWiki

Posted: Fri Nov 04, 2011 12:18 pm
by akerbeltz
An robh fhios agaibh gum bi eadar-aghaidh Ghàidhlig ri fhaighinn an cois MediaWiki? 'S e sin na stàlaichear ma thathar ag iarraidh wiki agad fhèin.

Re: MediWiki

Posted: Fri Nov 04, 2011 11:45 pm
by An Gobaire
Cha robh. Ach, cò tha ag iarraidh eadar-aghaidh Ghàidhlig dèanta le companaidh a tha a' brosnachadh hackers?

Re: MediWiki

Posted: Sat Nov 05, 2011 12:21 pm
by akerbeltz
Huh?

Re: MediWiki

Posted: Sun Nov 06, 2011 2:50 am
by An Gobaire
Tha sanas aca a tha a' brosnachadh "hacking"!!
Seall:

Developers
Crystal Clear app tutorials.png

Become a MediaWiki hacker
Learn to use the API and write extensions
Browse the developer docs and class reference
Already a hacker? Visit the developer hub

Re: MediWiki

Posted: Sun Nov 06, 2011 12:24 pm
by GunChleoc
Chan eil "hacker" sa cho-theags seo a' ciallachadh na tha thu a' smaoineachadh. Tha e a' ciallachadh gun ionnsaich thu ciamar a sgrìobhas tu tuilleadain amsaa. Chan eil seo a' ciallachadh gun dèan thu milleadh no cron air dad ;)

M.e. seall air an duilleag seo http://www.phpbbhacks.com/ a tha làn de stuth feumail gus leasachaidhean a thoirt air bathar-bog againn fhèin :D

An trioblaid a th' againn 's e nach dèan na mòr-mheadhannan sgaradh eadar hackers is crackers mar bu chòir. Nì na crackers rudan mì-laghail is chan ann na hackers, ach cluinnidh tu "hackers" ga chleachdadh airson daoine a nì rudan mì-laghail fad an t-siubhail :roll:

Re: MediaWiki

Posted: Sun Nov 06, 2011 2:20 pm
by akerbeltz
Ah tha mi aige a-nis, seadh, faic an gearr-chunntas air http://en.wikipedia.org/wiki/Hacker cuideachd

Re: MediaWiki

Posted: Sun Nov 06, 2011 8:06 pm
by An Gobaire
À, uill, gus an seo gun teagamh, bha mi an dùil gur e droch rudan a bha hackers a' dèanamh. Chan e facal math a th' ann an "hack". `Nam biodh tu "hackadh" air rudeigin san t-seagh chorporra, dhèanadh tu bùrach dheth. Saoil an do smaoinich iad air facal eile a thaghadh?

Re: MediaWiki

Posted: Mon Nov 07, 2011 11:55 am
by conmaol