Page 1 of 1

Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Wed Dec 21, 2011 1:26 pm
by akerbeltz
Seo dhuibh liosta dha na faclan is abairtean as cudromaiche a nochdas ann am bathar-bog Gàidhlig. Cuiridh mi | eadar na roinnean airson 's gun gabh clàr a dhèanamh le as urrainn dhut seòrsachadh, ma thogras tu, ach cuimhnich gu bheil gach aon dhiubh san Fhaclair Bheag co-dhiù.

aplacaid | boir. | app, application
ath-dhèan | gn. | re-do!
ceangal | fir. | link
ceanglachan | fir. | attachment (i.e. an attached file)
comharra-lìn | fir. | bookmark (to a webpage)
dubh-cheil | gn. | encrypt!
eòlaire | fir. | directory
gnàthaich | gn. | customise!
leasachan | fir. | extension
luchdaich a-nuas | gn. | download!
neo-dhèan | gn. | undo!
pasgan | fir. | folder
priob-uinneag | boir. | popup
roghainn | boir. | option, setting
rèitich | gn. | configure!
sioncronaich | gn. | synchronise!
stàlaich | gn. | install!
taba | fir. | tab
tuilleadan | fir. | add-on

Re: Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Fri Dec 23, 2011 5:53 pm
by An Gobaire
Tapadh leat. 'S toigh leam a' chuid as motha dhiubh seo. Tha iad siùbhlach agus ciallach.

Re: Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Fri Dec 23, 2011 6:57 pm
by akerbeltz
'S e do bheatha. Cuiridh mi ris le tìde.

Tha cuid dhiubh ann nach eil cho math, àidh, gu h-àraidh "eòlaire" ach mas e droch fhacal uamsa, 's droch fhacal thugamsa, comhairle nan eilean a dh'innlich sin agus cha robh dòigh fhurasta ann atharrachadh.

Re: Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Sat Dec 24, 2011 12:29 am
by An Gobaire
Chan eil fhios agam a bheil seo ceart a thaobh coimpiutaireachd, ach 's toigh leam am facal: co-rèite agus tha mi smaointinn gun obraicheadh e airson "synchronise". Ann an "co-rèite le" - synchronised with......

Bha ban-Leòdhasach as aithne dhomh ga chleachdadh airson "in line with" -...ann an co-rèite le...bho thaobh prìomhachasan 's a leithid. Mar eisimpleir:
"a dhèanamh cinnteach gu bheil am poileasaidh ann an co-rèite le amasan na buidhne"
.

Tha am facal "priob-uinneig" a' còrdadh rium airson "pop-up", ach dè chanadh iad airson "flash"? Nach e seòrsa de "phriobadh" no "priobadaich" a tha cuid de shanasan a' dèanamh air an eadar-lìn? 'S fheàrr leam "leig a-nuas" airson "download" - sin a th' aca air làrach Bhòrd na Gàidhlig, agus bhiodh "leig a-nìos" ceart gu leòr airson "upload" ged nach biodh e buileach co-ionann ris a' Bheurla gu litireil.

Nach b' e "dìomhairich" no rudeigin co-cheangailte ris an fhacal "dìomhair" a bh' aca airson "encrypt" uair?

Re: Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Sat Dec 24, 2011 10:58 am
by GunChleoc
'S e Flash a th' anns a' Ghàidhlig airson Flash oir 's e ainm a th' ann. An aon dòigh nach eadar-theangaicheadh tu an t-ainm Firefox no Thunderbird

Re: Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Sat Dec 24, 2011 10:59 am
by GunChleoc
GunChleoc wrote:'S e Flash a th' anns a' Ghàidhlig airson Flash oir 's e ainm a th' ann. San aon dòigh nach eadar-theangaicheadh tu an t-ainm Firefox no Thunderbird

Re: Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Sun Dec 25, 2011 3:38 pm
by akerbeltz
Seadh, mar a thuirt GunChleoc, 's e ainm mar Microsoft, BBC, Marks & Spencers no Adobe a th' ann am Flash.

Bha "dìomhairich" ann ach bha sin ann an còmhstri le rud eile, chan eil cuimhn' agam dè. Cha robh na daoine a chuir Gàidhlig aig OpenOffice sa chiad dol a-mach ro fhaiceallach a thaobh overlaps.

synchronise... tha treòrachadh ann an saoghal cruthachadh faclan ùra gum bu chòir do dh'fhacal ùr a bhith sùbailte, 's e sin, mas e ainmear a tha thu a' cruthachadh, gum bu chòir dhut beachdachadh air gnìomhair agus buadhair aig an aon àm. Agus a bharrachd air sin, ma chleachdas tu cus fhreumhan dùthchasach, tha tuig daoine thu tuilleadh. Chaidh beachdachadh a dhèanamh air co-rèiteachadh/co-thìmeachadh agus feadhainn eile ach duilgheadas le gach aon dhiubh. Tha rèiteachadh 'ga chleachdadh airson "configure" agus bha beachd nach robh diofar mòr gu leòr eadar co-rèitich is rèitich. Le co-thìmich bha duilgheadas ann gun robh sin a' cur "co-àm" 'nad shùilean ach chan e sin a thachras nuair a nì thu sync le bathar-bog. Aig a' cheann thall, tha sioncronaich soilleir, chan eil e briseadh riaghailtean fuaimneachaidh no litreachaidh a' chànain agus sin as adhbhar gu bheil sinn 'ga chleachdadh.

Re:

Posted: Sun Dec 25, 2011 8:41 pm
by An Gobaire
Adhbharan ciallach gu leòr.
Air an aon dòigh le sioncronaich, carson nach deach facal ùr "configearaich" a dhèanamh?

Agus aon rud beag, agus tha mi faireachdainn caran lapach a bhith toirt iomradh air, ach a' smaoineachadh bho thaobh na Gàidhlig mar nach eil Beurla agam, tha pàirt den litreachadh "sioncronaich" a' toirt a-steach orm "cronaich" mar "cronachadh, coireachadh"!

Re: Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Sun Jan 01, 2012 4:39 pm
by akerbeltz
Air an aon dòigh le sioncronaich, carson nach deach facal ùr "configearaich" a dhèanamh?
Chan eil sioncronaich a' briseadh pàtranan na Gàidhlig, gu h-àraidh a thaobh fuaimneachaidh ach bhriseadh *configearaich iomadh riaghailt:
* fuaimneachadh: beum air an dàrna lide configearaich
* fuaimneachadh: ged a tha nfh agus nbh chan eil nf 'na shreath ceadaichte ann an Gàidhlig
* litreachadh: caol/leathann onfi

Nì sinn ar dìcheall gun a bhi dèanamh barrachd cron na adhartas :)

cron/coire, aidh, well, b' urrainn dhut iomadh rud mar sin a thogail à faclan ach tha an dearbh rud fìor a thaobh coire/coire, coireal, coireaman agus chanainn nach bu chòir cus dragh a bhith oirnn m' an dèidhinn. Chan fhaicear iad gun cho-theacsa mar is trice.

Re: Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Mon Jan 02, 2012 1:38 am
by An Gobaire
Chanainn gu bheil e làn àm riaghailt no dhà a bhriseadh ma dh'fheumar airson faclan ùra a dhèanamh sa Ghàidhlig.

Tha "rèiteachadh" air a chleachdadh airson cus rudan. "arrangements, agreements" agus a h-uile rud fon ghrèin.Agus, tha tòrr fhaclan eile ann nach eil mionaideach gu leòr (uaireannan) airson nan suidheachaidhean sa bheilear gan cleachdadh.

Re: Briathrachas coimpiutaireachd no "An liosta bheag"

Posted: Mon Jan 02, 2012 2:35 am
by akerbeltz
Tha mi dol leat gum bu chòir dhuinn semantic overload a sheachnadh ach tha rèiteachadh ag obair glè mhath ann an co-theacs.

Ach chan eil mi air an aon ràmh a thaobh briseadh riaghailtean a' chànain. 'S e leathad sleamhnach a tha siud agus ma thòisicheas sinn air rudan a chur gu taobh a chionn 's nach eil iad goireasach dhuinne, cà 'n stad sinn? An tuiseal ginideach? Sèimheachadh? Faclan boireann? Tha fuaimean agus fuaim-eòlas aig cridhe cànain agus chan eil còir aig duine sam bith cluich leotha ach luchd-bruidhinn a' chànain tro na linntean.

A bharrachd air an dochann as urrainnear a chur air a' chànan, èiridh gearan is cànran r' a linn. Thachair sin ann an Èirinn gu h-àraid leis na faclan-iasaid agus na front heavy modifiers, dh'adhbharaich seo clais mhòr eadar daoine agus tha claisean gu leòr ann an saoghal na Gàidhlig.