Page 1 of 1

Ascairean ceart agus dearbhadh-litreachaidh sa Ghàidhlig

Posted: Tue Jan 17, 2012 10:30 pm
by caoimhin
Tha mi air a bhith a’ cleachdadh ascairean ceart fad greis a-nis fhad ’s a bhios mi a’ sgrìobhadh:
’s an àite 's
‘...’ an àite '...'
“..." an àite "..."
Tha sin furasta ann an Linux ma chuireas tu putan “Compose” air dòigh.

Ach tha mi a’ faicinn an-dràsta fhad ’s a tha a’ sgrìobhadh air Fòram na Gàidhlig gu bheil an dearbhair (a tha glé mhath, tapadh leibh!) ag ràdh gu bheil a h-uile facal ceàrr anns a bheil ascair ceart. The e a’ gabhail ri:
'S e obair mhór a bh' ann.
ach tha e ag ràdh gu bheil dà mhearachd ann an:
’S e obair mhór a bh’ ann.

Saoilidh mi, a h-uile facal le ascair ASCII seann nòs a tha san dearbhair, gum bu chòir a chur ann le ascair ceart cuideachd.

Re: Ascairean ceart agus dearbhadh-litreachaidh sa Ghàidhlig

Posted: Wed Jan 18, 2012 4:50 pm
by akerbeltz
Hm 's e Hunspell a tha air cùlaibh na dearbhairean seo 's chan eil mi buileach cinnteach an gabh dad a dhèanamh ach bheir mi sùil air a' chùis, mòran taing sin innse dhomh!

Re: Ascairean ceart agus dearbhadh-litreachaidh sa Ghàidhlig

Posted: Fri Jan 20, 2012 12:23 pm
by GunChleoc
B' urrainn dhut fios a leigeil do Hunsspell; is dòcha gur urrainn dhaibhsan a leasachadh?

Re: Ascairean ceart agus dearbhadh-litreachaidh sa Ghàidhlig

Posted: Fri Jan 20, 2012 4:13 pm
by akerbeltz
A leugh mi an rud a sgrìobh thu gu cearr. Tha loidhne dhearg agamsa fodhpa seo cuideachd:
<u>’S</u> e obair mhór a bh’ ann a th' ann
'S e obair mhór a bh' ann a th’ ann

'S e rud a bhuineas dha Hunspell a th' ann agus ged a tha fios aca mu dhèidhinn, cha chreid mi gun dèid a rèiteachadh ro luath gu mì-fhortanach. Chan eil fuasgladh ann an-dràsta ach dìreach an leigeil seachad ach cuiridh mi ceist a-rithist.