Ma tha bloga agaibh mu thràth, tha e furasta atharrachadh fo Users » Personal Settings

No ma tha sin ro dhìomhair, tha ceangal ann fo Settings » General "You can also modify the interface language in your profile"

Save Changes an uairsin, na dìochuimhnichibh!
Tha an t-eadar-theangachadh aig ~40% ach dh'aontaich WordPress a chur beò mu thràth ach ri linn sin, chì sibh Beurla fhathast an-siud 's an-seo.
Mur eil bloga agaibh air WordPress.com, gheibh sibh cunntas an-seo. Agus cuideachd, ma tha bloga agaibh air òstair eile, can Blogpress no àite mar sin agus ma tha sibh ag iarraidh gach rud ann an Gàidhlig, tha e furasta ion-phortadh a dhèanamh!
An dòchas gun còrd e ribh!