Mo chreach, dhìochuimhnich mi fios a leigeil dhuibh mun ghoireas seo. Ma tha sibh seachd searbh sgìth de Gmail agus a' Bheurla ann (tha iad a' diùltadh eadar-theangachadh fhathast), tha seirbheis eile ann a tha sa Ghàidhlig, 's e sin
MyOpera Mail. Cha leig sibh a leas am brabhsair Opera a chleachdadh, tha e fosgailte dhan a h-uile duine. Ma thèid sibh gu
Settings gu h-àrd air an taobh deas, tha roghainn cànain ann agus tha Gàidhlig san liosta.
An dòchas gun còrd e ribh!
