Page 1 of 1

VLC - VideoLAN

Posted: Thu Jul 05, 2012 11:25 am
by akerbeltz
Mur eil sibh eòlach air VLC, 's e cluicheadair mheadhanan le còd fosgailte th' ann - saor an-asgaidh agus cluichidh e cha mhòr faidhle sam bith. A bharrachd air sin, 's urrainn dhut a chleachdadh gus Radio nan Gàidheal a chlàradh air coimpiutair (ma dh'fhosglas sibh sruth ann am VLC o Mheadhanan » Fosgail sruth lìonraidh (am fear seo http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx)), ma thogras tu. Gheibh sibh an-seo e.

Image

Thèid a stàladh sa Bheurla an toiseach ach an uairsin:
Air Windows
  • Tools
  • Preferences
  • Language » Menus Language » Gàidhlig
  • Tòisichibh VLC as ùr agus sin agaibh e
Air MacOSX
  • VLC
  • Preferences
  • Language » Menus Language » Gàidhlig
  • Tòisichibh VLC as ùr agus sin agaibh e

Re: VLC - VideoLAN

Posted: Thu Jul 05, 2012 11:31 am
by akerbeltz
Radio nan Gàidheal - gliocasan le Craig Cockburn:

1) Air sgàth 's nach eil annsachdan sa phrògram seo, ma tha sibh ag iarraidh ceangal dìreach dha RnanG, cuiribh ath-ghoirid air an desktop agaibh is cleachdaibh seo mar cheangal: "C:\Program Files (x86)\VideoLAN\VLC\vlc.exe" http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx

2) Gus rud a chlàradh le scheduler, feumaidh sibh seo:

Code: Select all

rem %1 = feed http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx
rem %2 = duration 10 seconds
rem assumes dd/mm/yyyy format (UK)
SET DAY=%DATE:~0,2%
SET MTH=%DATE:~3,2%
SET YR=%DATE:~6,4%
SET HR=%TIME:~0,2%
SET HR0=%TIME:~0,1%
IF "%HR0%"==" " SET HR=0%TIME:~1,1%
SET MIN=%TIME:~3,2%
SET SEC=%TIME:~6,2%
SET MYDATE=%YR%%MTH%%DAY%-%HR%%MIN%%SEC%
set feed=%1
IF %1.==. set feed="http://bbc.co.uk/radio/listen/live/rng.asx"
call :get_file %feed%
SET duration=%2
if %2.==. set duration=3000
cd %USERPROFILE"\Documents\Internet\Radio"
"C:\Program Files (x86)\VideoLAN\VLC\vlc.exe" --run-time=%duration% %feed% --sout="#transcode{acodec=mp3,ab=128,channels=2,samplerate=44100}:std{access=file,mux=raw,dst='%_name%-%MYDATE%.mp3'}" vlc://quit

exit

:get_file
SET _name=%~nx1
set _name=%_name:~0,3%
GOTO:EOF

Re: VLC - VideoLAN

Posted: Mon Jul 09, 2012 1:40 pm
by GunChleoc
Mòran taing, feuchaidh mi e nuair a bhios mi air ais aig an taigh :D

Re: VLC - VideoLAN

Posted: Sat Jul 21, 2012 11:23 am
by akerbeltz
Chuir mi air gleus a' chiad phost gu h-àrd seach gun deach an duilgheadas a chur ceart agus tha e ag obair mar bu chòir a-nis. Feuchaibh e :)

Leasanan beaga le VLC

Posted: Sun Jul 22, 2012 2:48 pm
by akerbeltz
Chan eil VLC nas toinnte na Windows Media Player chanainn agus FADA nas fhasa na iTunes - ach fhuair mi iarrtas airson mìneachadh no dhà do dhaoine a tha air ùr-thòiseachadh leis.

A' chiad leasan
Image
Fosglaibh VLC. Briogaibh air Meadhan agus an uairsin Fosgail pasgan (ma tha folder agaibh sa bheil iomadh faidhle ciùil) no Fosgail faidhle (ma tha sibh dìreach airson aon fhaidhle a chluich). Faighibh greim air pasgan sam bith sa bheil faidhlichean ciùil agaibh, can faidhlichean mp3 no rud mar sin. Dèanaibh Select Folder agus cluichidh VLC dhuibh na tha sa phasgan. Sin air Windows. Ma tha thu air MacOS, innisibh dhomh.

Ma tha sibh car tro chèile aig an ìre-sa, leigibh seachad na menus eile an-dràsta 's na cleachdaibh ach na putain aig bonn na sgrìn - dìreach mar a tha iad air tape player :b Chan urrainn dhuibh a bhriseadh co-dhiù!

PS tha mi glè dheònach ceistean mar sin a fhreagairt ach ma chuireas sibh ceist, saoil an innis sibh dhomh aig an aon àm dè an operating system a th' agaibh? Nì sin diofar (beag)