
Mu dheireadh, dheireadh, dheireadh thall! Cha leig mi leas mìneachadh dhaibh na th' ann an teacsadh ro-innseach, saoilidh mi

Seo mar a gheibh sibh e:
Fosglaidh am Play Store air an fhòn agaibh agus dèanaibh lorg airson Adaptxt:

Feumaidh sibh an Adaptxt Keyboard sa chiad dol a-mach. Briogaibh air Install

agus leigibh leis stàladh

Tha agaibh ri fhosgladh an uairsin

Agus briogadh air Accept

Agus Setup an uairsin

Thoiribh aire dhan stiùireadh an-seo, gu h-àraidh an rud mun phutan Back!!!

Nise, tha mise a' dol a stàladh Beurla agus Gàidhlig ach Beurla sa chiad dol a-mach (dìreach a chionn 's gu bheil mi a' sgrìobhadh na treòire seo an oidhche ron sgaoileadh agus leis a sin, chan eil Gàidhlig san liosta fhathast!)

Chì sibh seo an uairsin

Nise, feumaidh sibh am putan Back a chleachdadh gus tilleadh dhan sgrìn seo agus gnogadh a thoirt air Next

Cuiribh cromag uaine sa bhogsa ri taobh Adaptxt Beta agus brùthaibh am putan Back air an fhòn agaibh a-rithist an uairsin

Agus Next an uairsin

Leanaibh ris an stiùireadh an-seo

Agus sin agaibh e

NIse, cà bheil a' Ghàidhlig/Ghaeilge/Ghaelg... Às dèidh dhuibh briogadh air Finish (sa cheum roimhe), chì sibh an sgrìn seo co-dhiù air a bheil earrann airson an Add-On Manager; briogaibh air

(Ma chaidh sibh seachad air a' cheum seo, na gabhaibh dragh. Dèanaibh lorg air an t-suaicheantas aig Adaptxt (chan urra dhomh innse dhuibh càit am bi sin, tha sin a' crochadh air an fhòn agaibh) ach chì sibh an dearbh sgrìn an uairsin.

Nise, briogaibh air Download

Agus an cànan a tha dhìth oirbh:

'S urrainn dhuibh iomadh dhiubh a stàladh:

Mar eisimpleir, tha Gaeilge agus Gaelg ri làimh cuideachd


Agus sin agaibh e!!!
Na ceistean mòra:
1) Ciamar a gheibh mi tàthan?
Ma chumas sibh sìos iuchair air a bheil barrachd air aon litir/samhla, gheibh sibh an roghainn eile. Ma-tà, airson tàthan, cumaibh sìos an litir B:

An dearbh rud ma tha sibh air tòir asgair (tha sin air an litir G)
2) A bheil barrachd faclan 'gam moladh?
Tha, gheibh sibh barrachd dhiubh 's sibhse briogadh air an t-saighead

3) Cha toigh/mhath/chaomh/ghasta leam an Olympic Theme
Seadh, cha mhath na leamsa. Ach ma bhriogas sibh air ìomhaigheag Adaptxt

's urrainn dhuibh atharrachadh fo Themes and Layouts » Keyboard Theme
4) Dè mu dhèidhinn iPhone?
Tha mi duilich ach chan eil seo ri làimh air an iPhone. Bu toigh le Adaptxt a sholar air iPhones cuideachd ach chan eil Apple a' toirt cead do dhuine sam bith taobh a-muigh Apple gleusan a leigeas leat teacsa a chur a-steach a dhealbhadh.
5) Is Windows Phone?
Chan eil fhathast ach tha Adaptxt an dùil gum bi.
6) Android tablets?
Tha e ag obair air tablaidean Android cuideachd
