Page 1 of 1

phpBB

Posted: Tue Feb 25, 2014 12:55 pm
by GunChleoc
phpBB

Image

'S e bathar-bog gus bòrd-brath a chur air dòigh air làrach-lìn a tha sa phpBB. Ma tha sibh airson sùil a thoirt air cò ris a tha an tionndadh Gàidhlig coltach, seo am bathar-bog a chleachdas sinn an-seo!

phpBB is a software to set up a messageboard on your website. If you wish to see the Gaelic tr*nsl*t**n in action, it's what we're using here!

Bheir mi na fo-fhòraman air falbh a-nis on a tha am fiosrachadh a tha ann caran sean agus air sgàth 's gun d'fhuair sinn foillseachadh oifigeil a-nis.

Re: phpBB

Posted: Sun Nov 09, 2014 9:41 am
by GunChleoc
Chaidh tionndadh ùr dhe phpBB fhoillseachadh. Cha do stàlaich mi an-seo e fhathast on a tha torr thuilleadan againn agus feumaidh mi dèanamh cinnteach an toiseach gun obraich a h-uile rud mar bu chòir. Mar sin, tha beagan obrach romhainn!

'S urrainn dhuibh barrachd fiosrachaidh a leughadh mun fhoillseachadh agus am bathar-bog fhèin agus a' phacaid cànain fhaighinn air làrach-lìn phpBB.