Teacsa ’na chainnt – Guth Cheitidh
Posted: Tue Dec 08, 2015 11:36 am
Teacsa ’na chainnt – Guth Cheitidh
Tha gleus ri làimh a-nis a leughas teacsaichean digiteach os àrd – ann an Gàidhlig. ’S e gleus teacsa ’na chainnt a chanar ris (Text To Speech no TTS gu goirid). Tha seo gu sònraichte feumail do dhaoine a tha dall (slighe leughadairean-sgrìn mar eisimpleir) no ach cuideachd do mhòran eile, can luchd-ionnsachaidh no ma tha leughadh na Gàidhlig doirbh air cuideigin air adhbhar air choireigin.
Leis gun d’fhuair am pròiseact seo leth-mhaoineachadh poblach (Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle-maoineachaidh na h-Alba agus Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba), tha an guth an-asgaidh:
Barrachd fiosrachaidh air iGàidhlig

- do bhuidhnean poblach
- do sgoiltean is oilthighean ann an Alba
- clann-sgoile aig an taigh
Barrachd fiosrachaidh air iGàidhlig