Page 1 of 1

MuseScore - Prògram ceòl-sgrìobhaidh

Posted: Wed Jul 04, 2018 11:48 am
by GunChleoc
MuseScore

Image

’S e prògram ceòl-sgrìobhaidh a th’ ann am MuseScore a tha saor is open source. Gabhaidh sgòran air ìre proifeiseanta a chruthachadh leis gun duilgheadas. Gabhaidh meur-chlàr MIDI a chleachdadh leis agus na sgòran ion-phortadh is às-phortadh slighe MusicXML, MIDI is a bharrachd. Tha e an-asgaidh is gun chuingeachadh.

Image

https://musescore.org/

Mar a chuireas tu a' Ghàidhlig air

1. Edit -> Preferences

Image

2. Tagh "Gàidhlig" air a' chlàr-taice "Language"

Image

3. Briog air "OK" is ath-thòisich MuseScore


Videothan trèanaidh

Tha videothan trèanaidh aca cuideachd agus chuir mi fo-thiotalan riutha - feumaidh tu "Scottish Gaelic" a thaghadh a làimh o nach eil ar cànan ri fhaighinn mar bhun-roghainn air YouTube.