Page 1 of 1

Clàradh video - OBS Studio (Open Broadcaster Software)

Posted: Tue Sep 07, 2021 5:10 pm
by GunChleoc
OBS Studio
Image

’S e bathar-bog saor le bun-tùs fosgailte airson clàradh video agus sruthadh beò a th’ ann an OBS Studio.
  • ’S urrainn dhut iomadh struth video is fuaime a chur ri chèile. Glac uinneag, camara-lìn ’s a bharrachd...
  • Tha measgachadh fuaime cho furasta ’s a ghabhas.
  • Tha tòrr plugain agus roghainnean aig a’ phrògram.
Image

Ma chunnaic sibh gin dhe na videothan a rinn mi air YouTube no PeerTube, ’s ann le OBS Studio a chlàraich mi iad.

Tha OBS Studio ri fhaighinn air Windows, Mac agus Linux.