Page 1 of 1

New Gaelic online courseLiveMocha proposed - help request

Posted: Fri Nov 20, 2009 3:01 am
by faoileag
Came across this by chance - dè ur beachd? :?


http://forum.acgamerica.org/viewtopic.p ... ff7217051e

(Spelling aside...)

Posted: Fri Nov 20, 2009 7:23 am
by GunChleoc
Chan eil mi eòlach air a chursa siud is chan eil mi cinnteach dè cho math a bhios e le structar cursa na Berula aige.

Tha e math faicinn co-dhiù gu bheil cuideigin a' dèanamh obair den seòrsa seo!

Posted: Fri Nov 20, 2009 9:36 am
by Gordon
Tha mi den bheachd gu bheil e beachd-smuain math.

Feumaidh mi e agus chi mi mar a bhitheas.

Ni mi mo dhicheall.

:D :D

Posted: Fri Nov 20, 2009 10:40 am
by Níall Beag
Cha tuirt Mghr Codona dad mu dheidhinn an rud 'ud an turas mu dheireadh a bha mi a' bruidhinn ris.

Chan eil mi measail air LiveMocha idir idir, ach math tha barrachd stuth ann de gach seorsa, 's docha gum bi siud feumail.

Why I don't like LiveMocha:

1) As Alasdair says, the course doesn't really take into account the grammar of the language being learnt -- the developers were thinking in English when they made the site.

2) Last I checked, it only downloaded sound files at the last minute, forcing you to wait between questions while it downloaded. A lot of the problems with the methodology could be ignored if it was at least a bit more "quickfire".

Posted: Fri Nov 20, 2009 6:55 pm
by Gràisg
Saoilidh mi nach bi sin a' dèanamh cron sam bith - cò aig a tha fios, 's dòcha gun tig piseach às.
Gheibhear cothroman san àm ri teachd ma tha duine sam bith a' lorg airgid?

'Teaching Opportunities Coming Soon
On Livemocha, you can be a language student and a language teacher at the same time. That's what makes our community so rewarding!

Soon, our most helpful and generous members will have opportunities to earn money or credits by providing language instruction on Livemocha.'

Posted: Fri Nov 20, 2009 8:49 pm
by Seonaidh
An e "ponsi scheme" a th' ann? mar a rinn Made Off Wi Yur Cash anns na SA?

Posted: Fri Nov 20, 2009 11:28 pm
by Gràisg
Saoil am bi iad a' lorg airgid bhuat latha breàgha air choreigin? Nan robh an cursa aca math gu leòr am biodh dad ceàrr le sin?
San eadar-ama ma tha daoine airson obair a dhèanamh dhaibh saor an asghaidh - uill...

Posted: Sat Nov 21, 2009 12:16 am
by faoileag
Gràisg wrote:Saoil am bi iad a' lorg airgid bhuat latha breàgha air choreigin? Nan robh an cursa aca math gu leòr am biodh dad ceàrr le sin?
San eadar-ama ma tha daoine airson obair a dhèanamh dhaibh saor an asghaidh - uill...
Mar a bha Facebook ag iarraidh leis na h-eadar-theangachaidhean aca... :?

Posted: Thu Nov 26, 2009 1:54 am
by Ceolmhor
Gràisg wrote:Saoilidh mi nach bi sin a' dèanamh cron sam bith - cò aig a tha fios, 's dòcha gun tig piseach às.
Gheibhear cothroman san àm ri teachd ma tha duine sam bith a' lorg airgid?

'Teaching Opportunities Coming Soon
On Livemocha, you can be a language student and a language teacher at the same time. That's what makes our community so rewarding!

Soon, our most helpful and generous members will have opportunities to earn money or credits by providing language instruction on Livemocha.'
Tha mi a' tighinn fadalach dhan chomhradh seo (duilich). Ach ma's ma mo thuigsinn, bidh na cursaichean saor an asgaidh, ach bidh e comasach dhut tidsear prìobhaideach fhaighinn airson airgead. Bhitheadh sin ceart gu leòr, na mo bheachd fhìn.

Ruairidh

Posted: Thu Nov 26, 2009 11:38 am
by Gràisg
A bheil an cùrsa seo beò Rhuairidh? Chaidh mi ann ach feumaidh mi aidicheadh nach eil mi buileach a’ tuigsinn a h-uile càil ann an Live mocha.
Saoilidh mi gu bheil beàrn sa mhargaidh airson cùrsaichean slàn saor an asgaidh (nan robh iad math gu leòr) gus gàidhlig a dh’ionnsachadh le taic a bharrachd ma tha airgid agad. Tha Ulpan agus cùrsaichean eile buailteach a bhith ro chosgail do mòran dhaoine gu h-àraidh aig an àm a tha seo.

Posted: Thu Nov 26, 2009 2:57 pm
by faoileag
Chan eil cùrsa Gàidhlig ann fhathast.

Chlàr mi air LiveMocha agus tha e rud beag annabarach. :?

Cha lorg thu daoine a bhios a' bruidhinn no ag ionnsachadh Gàidhlig ach tro phùtan 'Search', ach tha na daoine anns an liosta a nochdas cha mhòr uile neonach: m.e. 'Native Speaker Scots Gaelic' + 'Intermediate/Beginner English' agus a' fuireach ann an Ameireaga a Deas...

Tha faclan agus abairtean Beurla-Gàidhlig a nochdas ann am bocsa air an duilleag-dhachaigh agad agus bu chòir dhut ceart no ceàrr a còmharrachdh. Ach tha mòran fhaclan Gàidhlig ann nach eil 'GOC-ceart' sracan, doigh-sgrìobhaidh etc. Dè an fhreagairt ceart?

Chan eil cothrom ann beachdan a chuir an sin - tha an deasbad mu dheidhinn a' gabhal àite air an fhòram ACGA.

Obh, agus fhuair mi 'PMs' gun chrìoch ag iarraidh orm teachdaireachdan Beurla a cheartachadh... Duilich! :spors:

Posted: Thu Nov 26, 2009 4:16 pm
by Gràisg
tha an deasbad mu dheidhinn a' gabhal àite air an fhòram ACGA
tl a charaid, gu dearbh tha deasbad ann mu dheidinn an 'article' agus ceart no ceàrr a tha e msaa :) Ach gur math a thèid leis.

Posted: Fri Nov 27, 2009 7:35 pm
by Níall Beag
The "premium" paid-for offering from LiveMocha:

Downloadable videos of the "learn" part (but apparently not the exercises)
Downloadable audio of the "learn" part (but apparently not the exercises)
Downloadable text of the "learn" part (but apparently not the exercises)

So far, so underwhelming. One thing left:

A teacher! Great! Oh, wait:
10 Exercise Reviews by Qualified Italian-speaking Tutors
Monthly Reviews for Continuous Improvement
That sounds more than weak. Basically, you get a professional to mark and give feedback on the exercises you take as part of the course anyway. Once a month.

I'm sorry, but that's just pathetic.