TBhlog

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

TBhlog

Unread post by Níall Beag »

Gràisg wrote:Uill tha mise den bheachd gu bheil agenda aig a bheeb Choinnich agus tha mi an dòchas gum bi me ceàrr ach co-dhiù...
Tha sinn beò ann an linn far a bheil a h-uile mac màthar comasach craobh-sgaoileadh a dhèanamh bhon t-seòmar-còmhnaidh aca. Seall air na creutairean a tha seo: www.blogtv.com
Carson nach eil rudeigin an àirde an-diugh? Carson bu chòir a h-uile duine a bhith feitheamh air a’BBC? Ma tha sianal ann – cuir rudeigin an àirde a-màireach! Nach biodh na h-oileanaich aig an t-sabhal mhòr comasach rudeigin a chur air dòigh sa bhad?
Uill, a bheil ùidh agad ann an naidheachd eadar-nàiseanta seachdainneach air sianal eile? Tha luchd-rannsachaidh air feadh an t-saoghal an drasta, 's mar sin, chan eil feum againn ach air fear-an-taighe 's seomar-craolaidh.

Ma tha sinn deiseil, cha creid mi gum b' e obair cruaidh a th' ann am fear an taighe lorg....


Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Ma bhios bhideo inntinneach aig duine sam bith cuiridh mi an àirde e ach ma bhios ceist ‘dlighe-sgrìobhaidh’(copyright) na luib chan urrainn dhomh sin a dhèanamh. ’S e beagan spòrs a bh’ ann ann an t-sianal eile agus tha thusa ceart’ faodaidh fear an taighe feadhainn eile a chur a-steach den ghnothaich ma bhios iad nam buill den t-seirbheis.

Ma tha thu airson beagan a bharrachd spòrs a dhèanamh le blogtv.com faodaidh tu ‘chatroom’ a ruith aig an aon àm. Dh’fhaodadh sinn beagan spòrs fhaighinn nan biodh feadhainn deònach pàirt a ghabhail mar dheuchainn ach tha coltas beurla cracte air blogtv.com agus ma dh’fhaoidte bhiodh e caran suarach don mhòr chuid?


Update, uill a bheil fhios agad? Thug mi sùil air blogtv agus thachair mi air cuideigin a bha a' bruidhinn Gàidhlig. 'S e seòrsa seann hippi a bh'ann agus chan eil càil a fhios agam carson ach bha coignear a' toirt sùil air an truaghan a bha seo. Rinn mi deabh dheth.

Image
Post Reply