Dà rud ann an Glasgow ¦ Two things in Glasgow

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
User avatar
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Dà rud ann an Glasgow ¦ Two things in Glasgow

Unread postby Coinneach Cìr » Thu Sep 17, 2009 12:03 pm

Halò a chàirdean agus tha mi 'n dòchas gu bheil sibh gu math. Tha mi duilich nach eil mi air sgrìobhadh an seo bho chionn fhada is tha mi 'n dòchas gum bi mi air ais dòigheil a-nis. Seo fios mu dheidhinn dà rud a dh'fhaodhadh ùidh a bhith agaibh annta;

Hello ladies and gents and I hope you are all well. I'm sorry that I've not written here for a long time and I hope I'll be back properly now. Here is information about two things that may be of interest to you;
Thèid Choinneamh Bhliadhnail Chomunn na Gàidhlig a chumail ann an

Consort House
12 West George Street
Glaschu
G2 1HN

Diardaoin 24mh Sultain aig 2:45f
Thigibh is bidh fàilte oirbh.

Tuilleadh fiosrachaidh bho oifis@cnag.org.uk no 01463 234138


The AGM of Comunn na Gàidhlig will be held in

Consort House
12 West George Street
Glasgow
G2 1HN

Thursday 24th September at 2:45pm
A warm welcome is extended to anyone interested in attending.

For further information please contact oifis@cnag.org.uk or 01463 234138


Feasgar math!


Tha mise a' cur air bhonn buidheann còcaireachd gun fheòil tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu.
An-dràsta tha mi a' sireadh luchd-labhairt na Gàidhlig, fileantach agus luchd-ionnsachaidh aig ìre ard aig a bheil uidh ann am buidheann. Dh'fheumar còignear airson tòiseachadh.

Nuair a tha daoine gu leòr ann, bruidhnidh sinn mun ar h-iarraidhean, mar eisimpleir, co bhios sinn a' còcaireachd, agus ciamar an cuir sinn sin air dòigh. Tha dùil agam gum bidh na coinneamhan neo-fhoirmeil: ’s urrainn dhuinn reasabaidhean eadar-dhealaichte deasachadh agus Gàidhlig a' bhruidhinn, agus tha mi 'n dòchas gum bidh sin craic math.


Bidh coinneamh ann san Dàmhair airson an tuilleadh fiosrachaidh.

Ma tha ùidh agaibh, cuir fios thugam air colm.macqueen@gmail.com!

Dùrachdan,

Colm Maccuain


Hi!

I'm starting a Gaelic vegetarian cookery group in Glasgow and seeking interested native or fluent Gaelic speakers or advanced learners. At least five people are needed to start the group.

Once enough people have expressed interest, we can discuss people's wishes, for example when meetings will be and how they will be organised. I expect the meetings to be informal: we can prepare various recipies while speaking Gaelic and I hope it'll be good craic.

There will be a meeting in October for more information.

If you are interested please contact me at colm.macqueen@gmail.com!

Best wishes,

Colm Macqueen



User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1729
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread postby akerbeltz » Thu Sep 17, 2009 2:31 pm

Math d' fhaicinn a-rithist.

Bha dùil agam an dearbh rud a chur air dòigh nuair a bhios 48 uairean san latha ach le biadh Sìneach.

Guma math a théid leat leis!

User avatar
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread postby Coinneach Cìr » Fri Sep 18, 2009 10:01 pm

akerbeltz wrote:Bha dùil agam an dearbh rud a chur air dòigh nuair a bhios 48 uairean san latha ach le biadh Sìneach.

Nach e an fhìrinn a th' agad; bha mi nam ruithe ann an oifis Inbhir Nis an-diugh ag ràdh rium fhìn b' fheàrr leam gun robh dithis dhìom ann.
Ach 's dòcha nach eil an saoghal deiseil airson an leithid :lol: