Posted: Sun Dec 02, 2007 10:09 am
http://news.scotsman.com/topics.cfm?tid ... 1884002007
Can anyone tr*nsl*t* please?S E A TH' ann an rud a bha còir aca a dhèanamh bho chionn fhada, ach chan eil e càil as miosa son sin. Nochd a' chiad dhreach de phoileasaidh ùr Gàidhlig pàrlamaid na h-Alba an seachdain seo chaidh, agus thathas ag iarraidh beachdan muinntir na dùthcha ma dheidhinn. Tha eachdraidh caran caochlaideach air a bhi aig a' phàrlamaid ùir againn leis a chànain. dh' fheumadh Achd na h-Alba atharrachadh gus am biodh an cead aig daoine a' Ghàidhlig a chleachdadh ann an deasbadan. Sin rud a chuir Màiread Ewing nach maireann is Rae Mhichie troimhe anns na Cumantan mus deach a' phàrlamaid a steidheachadh. Son a' chiad ghreis, bhathas a' diùltadh oifigear Gàidhlig fhastadh. Agus bha glè bheag de dh' àite aig a' chànain aig a' chiad fhosgladh ann an 1999. Bha tòrr sanasan Gàidhlig snog aca an uairsin ge-tà.
Bha siud ann reimhid. Tha a-nis oifigich Gàidhlig aca, tha deasbadan Gàidhlig air a bhi aca. Tha mo leithid a' faighinn fiosrachaidh gach seachdain ann an Gàidhlig bhon phàrlamaid. Tha seirbheis glè mhath aca dha sgoilearan Gàidhlig. Bha àite math aig a' chànain anns an dàrna fhosgladh.
'S e an t-aon rud nach eil buileach cho math, na sanasan. Cha robh guth air seann chànan nan Gàidheal ach air corra shanas ann an àitichean 'iomchaidh', far am faodadh am mòr-shluaigh, am poball, tighinn a-steach agus coinneachadh ri na sanasan. Airson adhbhair air choireigin, is iongantach gun tàinig e a a-steach orra gum biodh Gàidheil ag obair anns a' phàrlamaid is gum biodh iadsan a' sùileachadh sanasan nan cànan fhèin dìreach mar a tha luchd na Beurla. Agus airson adhbhair nach tuig mi rim mhaireann, cho-dhùin iad nach fhaodadh guth Gàidhlig a bhi anns na h-uidheaman-togail, na lioftaichean. Airson adhbhairean sàbhailteachd, a-rèir coltais.
Nach mi a tha suarach.
Tha a' chiad dhreach den phoileasaidh a' coimhead glè mhath. Nam measg, tha trèineadh dhan fheadhainn aig ionad-fàilteachaidh na pàrlamaid mu dheidhinn na Gàidhlig, barrachd sanasachd dà-chànanach, mìneachadh is soillearachadh air ciamar a chleachdas muinntir a' phobaill a' Ghàidhlig nuair a bhios iad a' dèiligeadh ris a' phàrlamaid. Nochdaidh a' Ghàidhlig air aodaich luchd-obrach na pàrlamaid. Thathas a' gealltainn obair a dhèanamh a thaobh foillseachadh ann an Gàidhlig. Thathas son coinneachadh ri na meadhanan Gàidhlig gus bruidhinn mu dheidhinn na ghabhas a dhèanamh gus am faigh na Gàidheil a-mach mu dheidhinn na tha a' tachairt. Thathas airson Là na Gàidhlig a bhi ann gach bliadhna son innse dha luchd-obrach, buill, is luchd-tadhail mu sheann chànan na h-Alba.
Tha criomagan fiosrachaidh inntinneach anns an aithisg aca. Tha gu leòr a tha a' frithealadh na pàrlamaid gu math measail air a bhi a' ceannach stuthan le ceangal ris a' Ghàidhlig. Tha bùth na pàrlamaid a' reic uisge-beatha, is le roghainn ann eadar botal le sanas Gàidhlig no sanas Beurla - 's e a th' ann an 35% den fheadhainn a tha gan reic botail le Gàidhlig orra. Tha cuideigin measail air na mugannan Gàidhlig cuideachd - iad a' dèanamh suas 26% den fheadhainn a tha gan ceannach. Tha e soilleir gu bheil margaid an sin dha rudan nar cànan bochd fhìn.
Tha na rudan sin a' cunntadh. Cha bhi a' Ghàidhlig buan air sgàth mugannan ann an pàrlamaid na h-Alba. Ach 's e bhios ann teachdaireachd dha Gàidheil de gach aois a bhiodh teagmhach no coma gu bheil an dualchas a' cunntadh son rudeigin. Agus gum bu chòir glèidheil.
Nochd Riaghaltas na h-Alba sanasan fàilteachadh ùra dà-chànanach a chuir iad ann an àite an seann shuaicheantas aig an seann riaghaltas. Chan eil iad ag ràdh ach "Fàilte gu Alba" ach co-dhiù tha iad ann an cànan na h-Alba.
Tha na rudan seo nas cudromaiche na shaoileadh feadhainn againn. Tha riaghaltasan thairis air na linntean air a bhi a' cleachdadh sanasan oifigeil son a bhi a' mìneachadh dha daoine cò a tha a' cunntadh is cò aig a tha ùghdarras. Ma tha a' Ghàidhlig gu bhi air a chumail air falbh bho na h-àitichean sin, tha e mar samhladh nach eil a' chainnt a' cunntadh son càil. Tha sinne ag iarraidh a bhi anns na h-àitichean oifigeil cuideachd.