Bhon làrach BBC Alba agus iadsan a-mach air plana gnìomha dhan chànan.
'Crathadh a dhìth
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Uisdean Mac IllFhinnein bho Bhòrd na Gàidhlig gu bheileas a' gabhail ris gu bheil cùisean ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig "briste" agus gum feum an càradh.
Thuirt am Ministear a dh'iarr am plana, Mìcheal Ruiseal, a tha a-nis na Rùnaire Foghlaim, gum feumte na buidhnean Gàidhlig atharrachadh nan robh sin a dhìth.
Tha Mgr Mac IllFhinnein ag ràdh gu bheil am Bòrd deònach sin a dhèanamh, 's gu bheileas air a bhith a' còmhradh ris na buidhnean Gàidhlig eile mu sin, fhad 's a tha am plana ga ullachadh. '
'Seach oidhirpean a rinneadh ron a seo, thuirt Mgr Mac IllFhinnein gum feum am plana ùr a bhith eadar-dhealaichte leis gu bheil e follaiseach nach eil leasachadh na Gàidhlig air obrachadh thuige seo.
Thèid innleachdan ùra fheuchainn agus airgead a chosg air a' phlana a bhios air a roinn ann an trì dòighean.
Thig a h-uile càil a tha na luib fo sgèith thrì phrìomh amasan - barrachd chothroman do dh'inbhich Gàidhlig ionnsachadh; leasachadh air foghlam ro sgoile agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san fharsaingeachd. '
PS cuideigin ri f2 aig BBC Alba? - seall air a' phios mu dheireadh den url : bordbonfire.shtml
tuilleadh an seo:
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... fire.shtml
Cùisean ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig "briste"
-
- Rianaire
- Posts: 333
- Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Siorrachd Rinn Friù
- Contact:
Re: Cùisean ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig "briste"
Tha mi glè chinnteach gu bheil cuideigin ri fealla dhà!Gràisg wrote:PS cuideigin ri f2 aig BBC Alba? - seall air a' phios mu dheireadh den url : bordbonfire.shtml