Page 1 of 1

Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard

Posted: Mon Mar 29, 2010 4:19 pm
by *Alasdair*
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard airson na buidhne a stiùireadh agus Plana Nàiseanta na Gàidhlig a chur an gnìomh. Tha sanasan a’ nochdadh ann am pàipearan naidheachd is eile agus tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air làrach-lìn a’ Bhùird.

Tha dreuchd a’ Cheannaird air a bhith bàn bho Lùnastal 2008 agus am Bòrd a’ coimhead ri dòighean-obrach ùra agus a’ fastadh luchd-obrach ann an diofar dhreuchdan eile.


Tha an obair ga shanasachd aig tuarastal £64k gu £73k agus tha am Bòrd an dòchas neach fhastadh son na dreuchd cho luath sa ghabhas.

Thuirt Dòmhnall Màrtainn, Oifigeach Cunntachail a’ Bhùird: “Tha sgioba stiùiridh eadar-amail air a bhith a’ stiùireadh a’ Bhùird bho samhradh seo chaidh agus sinn a’ coimhead ri na structaran obrach agus an t-slighe air adhart. Tha sinn a-nis air na dreuchdan air fad a choileanadh agus tha an t-àm ceart airson a dhol a shireadh Ceannard ùr a ghluaiseas Bòrd na Gàidhlig air adhart chun ath ìre. Seo ’s dòcha an dreuchd as cudromaiche ann an saoghal na Gàidhlig, dreuchd a tha gu math dùbhlanach ach tarraingeach agus dha-rìribh sònraichte airson leasachaidh na Gàidhlig a lìbhrigeadh agus a stiùireadh. Tha sinn a’ sireadh Ceannard le sàr-sgilean conaltraidh, sgilean stiùiridh dearbhte; agus le comas cànan is cultar na Gàidhlig a riochdachadh aig iomadh ìre.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air: http://www.gaidhlig.org.uk/obraichean no bho Dhòmhnall Màrtainn, Oifigear Cunntachail a’ Bhùird air 07803 737 473 no air post-d aig: domhnallm@aol.com

’S e Dihaoine 23 Giblean 2010 an ceann-latha deireannach airson tagraidhean.

Re: Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard

Posted: Mon Mar 29, 2010 7:56 pm
by Seonaidh
Nach eil ceannard aca mar thà?

Re: Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard

Posted: Mon Mar 29, 2010 9:46 pm
by faoileag
Chan eil an ceangal gu h-àrd ag obrachadh. Bu choir dha a bhith:

http://www.gaidhlig.org.uk/obraichean.html

Seonaidh wrote:Nach eil ceannard aca mar thà?
'S e Cathraiche a th' ann an Arthur, ball a' Bhùird e fhéin, saoilidh mi.

http://www.gaidhlig.org.uk/ambord/buill/buill.html

Tha e coltach gun thathar ag iarraidh 'Ceannard Mòr' maireannach airson a h-uile leasachadh ùr a stiùireadh. Cò aig a tha fios a bheil seo còmhla ri Arthur no às aonais. Bhithinnsa an dòchas gum biodh e còhmla ris.

Re: Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceannard

Posted: Wed Apr 07, 2010 7:29 pm
by Coinneach Cìr
Seonaidh wrote:Nach eil ceannard aca mar thà?
Chan eil, rinn iad agallamhan an-uiridh no mar sin ach cha deach cuideigin fhastadh. Tha sgioba 'eadar aimeil' air a bhith aca.