Ballrachd bhòrd-stùiridh Chomunn na Gàidhlig

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
User avatar
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Ballrachd bhòrd-stùiridh Chomunn na Gàidhlig

Unread postby Coinneach Cìr » Mon Oct 18, 2010 11:43 am

A Chàirdean,

Tha Comunn na Gàidhlig a' sireadh dà bhall bhòrd-stiùiridh. Tuilleadh bhon ceangal a leanas;
http://www.cnag.org.uk/fiosrachadh/sanasanobrach/ballrachd.php

Tha Comunn na Gàidhlig a’ sireadh dà bhall airson a’ Bhòrd Stiùiridh bho Foghar 2010. Tha sinn a’ sireadh iarrtasan bho neach sam bith aig a bheil ùidh pàirt a ghabhail ann an obair Chomunn na Gàidhlig mar bhall den Bhòrd Stiùiridh. Tha sinn gu sònraichte a’ sireadh feadhainn a tha eòlach air obair gnìomhachas agus/neo obair òigridh. Tha e an urra ris a’ Bhòrd poileasaidhean, ionmhas agus luchd obrach ChnaG a stiùireadh agus thathar an dùil gum bidh mu 6 coinneamhan gan cumail sa bhliadhna.

Cha bhith tuarastal an lùib na h-obrach seo, ged a bhitheas cosgaisean siubhail agus àite-fuirich air am pàigheadh airson a bhith a’ frithealadh nan coinneamhan. Ged is ann an Inbhir Nis a bhios a’ mhòr chuid de choinneamhan, tha e comasach do bhuill pàirt a ghabhail ann an coinneamhan le bhith a’ cleachdadh fòn/bhideo.

Ma tha ùidh agaibh anns an obair seo, gheibh sibh tuilleadh fiosrachadh bho;

Dòmhnall MacNèill,
Ceannard,
Comunn na Gàidhlig,
5 Caolshràid Mhìcheil,
Inbhir Nis,
IV2 3HQ.

Àireamh Fòn: 01463 234138;
Post-d: domhnallmacneill@cnag.org.uk

Ceann-latha mu dheireadh airson iarrtasan: 12 Samhain 2010.



User avatar
treaclemine
Posts: 72
Joined: Sun Nov 15, 2009 12:22 pm
Language Level: Neach-toiseach
Location: Sasann
Contact:

Re: Ballrachd bhòrd-stùiridh Chomunn na Gàidhlig

Unread postby treaclemine » Mon Oct 18, 2010 7:35 pm

Ballrachd bhòrd-stùiridh Chomunn na Gàidhlig

= Membership of the Steering Board of the Gàidhlig Association?

User avatar
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4431
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Ballrachd bhòrd-stùiridh Chomunn na Gàidhlig

Unread postby GunChleoc » Mon Oct 18, 2010 7:38 pm

Sin e. Although I think one says "board of directors" sa Bheurla.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

User avatar
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 10:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Ballrachd bhòrd-stùiridh Chomunn na Gàidhlig

Unread postby AlasdairBochd » Mon Oct 18, 2010 10:23 pm

Thuirt faclair agam (MacFarlane's)
stiùir - va. stiùradh, steer, guide, direct, manage

User avatar
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Re: Ballrachd bhòrd-stùiridh Chomunn na Gàidhlig

Unread postby Coinneach Cìr » Mon Oct 18, 2010 10:41 pm

In English basically Comunn na Gàidhlig are seeking members for their Board of Directors. Although you could tr*nsl*t* comunn to association an English name should not be used to refer to the organisation. :)

The post and advert are Gàidhlig only to reflect the Gàidhlig knowledge required for the position.