Page 1 of 1

Sgoil Choimhearsnachd

Posted: Tue Dec 21, 2010 4:21 pm
by akerbeltz
Cothroman ùra do dh'inbhich le Gàidhlig ann an Glaschu: Tae Kwon Do, Esperanto, Dannsa, Dràma, Làmh-cheardan, Sgrìobhadh Cruthachail, Peantadh - gach rud tro mheadhan na Gàidhlig. Sgaoilibh an naidheachd:
http://www.glaschu.org/sgoil_choimearsnachd.htm

PS: Chan eil feum air sgilean leughaidh agus sgrìobhaidh ach sa chùrsa Sgrìobhadh Cruthachail. 'S e an cuspair agus a thoirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig an rud as cudromaiche san iomairt seo.

Re: Sgoil Choimhearsnachd

Posted: Wed Dec 22, 2010 12:58 pm
by Coinneach Cìr
'S e mi fhìn a bhios a teagaisg an Tae Kwon Do, tha mi 'n dòchas ur faicinn ann! =]

Re: Sgoil Choimhearsnachd

Posted: Tue Jan 11, 2011 9:22 pm
by akerbeltz
Na dìochuimnhichibh gum feum sibh clàrachadh ma tha sibh son tighinn agus innsibh dha 'r càirdean mun dèidhinn! Tha pòstair aig http://www.akerbeltz.org/sgoil2.pdf ma tha sibh airson fear a chlò-bhualadh 's a chur suas mar shanasachd am badeigin. Cuimhnichibh, ged is ann an Glaschu a tha seo fhèin, ma shoirbhicheas leinne, 's mathaid gun dig clasaichean mar sin dhan àite far a bheil sibhse!

Re: Sgoil Choimhearsnachd

Posted: Sat Jan 22, 2011 11:34 pm
by GunChleoc
Chuir mi seo air an duilleag naidheachd ged a tha e caran anmoch.