"a militant and un-democratic Comunn nam Parant"

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1546
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

"a militant and un-democratic Comunn nam Parant"

Unread post by Gràisg » Sat Mar 05, 2011 7:11 pm

Chaidh na leanas a thogail bho Hebrides-news.com:

"Gaelic mafia hi-jacking Edinburgh Gaelic education issue 3/3/11

Sirs,

I feel I have to correspond with your readership in the Motherland to outline what our beloved Gaelic language has become in Edinburgh. On the evening of 28 February a consultation meeting was held by City of Edinburgh for views to be expressed on the two options on increasing the size of the facilities for Gaelic medium education in the city.

Unfortunately this meeting was hi-jacked by middle class parents and a state funded Gaelic mafia. It was clear from the outset that the tidal wave of support for the more expensive option of a new Gaelic only school in Bonnington was orchestrated by a militant and un-democratic Comunn nam Parannt.

It was painful listening to mid-Atlantic and West End accents of the Edinburgh middle classes outlining their demands to the Council for state aided special bi-lingual schooling for their children. One can assume that they are the class in Edinburgh just below affording the fees for Heriots and Stew-Mel.

Two members of the state funded Gaelic academia kept referring to emotional historical arguments rather than the cold reality of these current austere times. Almost unbelievably the year 1670 was quoted by a trainee Gaelic grandee at one point. Another grandee used the phrase that education should be focussed on rather than cost.

Try telling that to the parents in Edinburgh losing out on financial investment at the expense of creating a segregated school only 43% occupied and leaving another one 45% occupied. Indeed when the Evening News released the story the message boards were predictably crammed with anti-Gael sentiment.

These comments do not bother Comunn nam Parannt however as they are not Gaels anyway! What needs to be remembered is that the actions of these morons creates racial hatred in Edinburgh against the Gaels and where they come from but not specifically against what the government term as Gaelic speakers. There is a difference between the two.


Full name, address and contact details supplied "

http://www.hebrides-news.com/gaelic-mafia-3311.html
It was painful listening to mid-Atlantic and West End accents of the Edinburgh middle classes outlining their demands to the Council for state aided special bi-lingual schooling for their children.
Tha làn fhios 'm gu bheil amharas air feadhainn nach eil a h-uile pàrant a chuir an cuid cloinne do na sgoiltean Gàidhlig airson adhbharan alturistic ach tha an seòrsa farachdainn tighinn seachad san litir sin a dol tarsainn crìochan cunnartach nam bheachd-sa. Bu choir don Gàidhlig a bhith ceadaichte do phàisde sam bi ge b' e de an seòrsa blas beurla a tha air bilean an pàrantan.
An uiridh nuair a rinn mi sgrìob do na h-Eileanan chuala mi Gàidhlig siud 's a seo ach cha chuala mi ach aon turas pàisde bruidhinn Gàidhlig agus b' ann an sin balach a teaglach Dùn Eideann a bha a' gabhail an cuid saor làithean sna h-Eileanan.



An Gobaire2
Posts: 6
Joined: Tue Dec 07, 2010 8:09 pm
Language Level: Fileanta
Location: An t-Eilean Sgitheanach

Re: "a militant and un-democratic Comunn nam Parant"

Unread post by An Gobaire2 » Sun Mar 06, 2011 1:30 pm

Tha mi a' dol leat Des a thaobh sin. Ach chan eil sgrìobhadair na litreach ag ràdh nach bu chòir Goill an cuid cloinne a chur gu sgoil no aonad Gàidhlig. Tha e ag ràdh gun robh e "pianail" dhasan (no dhise) a bhith a' cluinntinn Goill bheartach a' tagradh airson na cùise.

'S i a' cheist a bu chòir dhuinn faighneachd, carson a bha e pianail dha no dhi? Dh'fhaoidte gur e comharra a th' ann gun robh Goill sa mhòr-chuid. Ged a tha e math gu bheil iad ann agus a' tagradh airson foghlaim Ghàidhlig, ma dh'fhaoidte gu bheil iad cho lìonmhor agus cho dìorrasach an taca ris na Gàidheil fhèin, gu bheil iad air sealbh a ghabhail air a h-uile càil (a rèir beachd an ùghdair).

No, an ann gu bheil an sgrìobhadair a' nochdadh "crùbadh Gàidhealach" (Gaelic cringe), agus e smaoineachadh nach bu chòir dhaibh a bhith cho dàna agus ìmpidh a chur air na h-ùghdarrasan airson Gàidhlig, air eagal nan Gall?

Gràisg
Rianaire
Posts: 1546
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: "a militant and un-democratic Comunn nam Parant"

Unread post by Gràisg » Mon Mar 07, 2011 11:50 am

Puing eile tighinn as an litir Steafain, tha e mar gum bi cruaidh fheum agad do chùrsa bheatha a ruith a-rèir na tha an Edinburgh Evening Times ag innse dhut agus don choimhearsnachd san fharsaingeachadh. Mur a bheil thu a’ cur dragh orra bid do shaoghal foirfe réidh coileanta. Chum do bheul dùinte agus na leig do cheann nochdadh os cionn a’ bhalla. Saoil gum bi an fhear/te seo moiteil as? "crùbadh Gàidhealach" no dìreach crùbadh san fharsaingeachd – “when in Rome?”

Gu fortanach tha sin beò ann an saoghal far a bheil cothroman gu leòr agad do chuidh fhianais fhèin a chur an airde agus chan eil feum sam bith eagal a bhith ort ro an Evening Times. Cia mheud a tha ga leughadh sa Chathir Bhaile co-dhiù? Saoil deach as gach ceud no nas lugha na sin? “We are the media now!” Sgriobh cuideigin air Facebook latha brèagha air choireigin.

Seadh, carson a bha e pianail dha no dhi? Bha na guthan pianail ris/rithe ach anns an litir seo, a bheil an sgrìobhadair faighinn seòrsa de tlachd as a’ ghnothach? Saoilidh mi gu bi cothrom an seo airson na h-eòlaichean Soillse sùil gheur a chur ris.

Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: "a militant and un-democratic Comunn nam Parant"

Unread post by Seonaidh » Tue Mar 22, 2011 8:31 pm

is mhathUill, chan eil mise cho cinnteach gun aontich mi le Des Gràisg. Ach cha bhi mi a' deasbad mu chosg, ach mu fhoghlam.

Tha sinn uile eòlach air "special schools" amsaa ach, nam bheachdsa, b' e cùis mhath feuchainn ris an uimhir de sgoiltean "apartheid" mar seo a lughdachadh. Agus mar sin leis a' Ghàidhlig: cha bu toil leam foghlam Gàidhlig fhaicinn mar seòrsa "special school" far nach lorgar clann "àbhaisteach". Agus mar sin b' fheàrr leam nam biodh sgoiltean Gàidhlig agus sgoiltean neo-Ghàaidhlig aig an aon làraich.

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4458
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: "a militant and un-democratic Comunn nam Parant"

Unread post by GunChleoc » Wed Mar 23, 2011 10:25 am

'S e puing cudromach a th' agad, ach air an làimh eile, bidh Gàidhlig nan clann-sgoile mòran nas lapaiche ma bhios cus clann mun cuairt aig nach eil a' Ghàidhlig air sgàth 's gum bi iad a' bruidhinn sa Bheurla taobh a-muigh a' clas. Chan e trioblaid mhòr a bhiodh ann co-dhiù nam biodh a bharrachd cothroman ann a chànan a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile na tha againn.

Cuideachd, cha bhi daoine a' bruidhinn air "apartheid" airson sgoiltean far nach tèid ach a Bheurla a bhruidhinn gun aonad Gàidhlig ann, dè an diofar eadar sgoil le Gàidhlig a-mhàin agus sgoil le Beurla a-mhàin anns an t-seagh seo?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Post Reply