Thog mi iomradh air an Quick Locale Switcher roimhe ach tha tionndadh ùr ann a-nis agus tha an leudachan fhèin sa Ghàidhlig cuideachd a-nis.
Dè nì e ma-thà? Gu goirid, leumaidh e eadar cànain eadar-dhealaichte airson na h-eadar-aghaidh. Tha sin air leth feumail do dhaoine a tha a' cleachdadh coimpiutair còmhla ri daoine aig nach eil Gàidhlig. Siuthadaibh ma-thà, chan eil leisgeul ann tuilleadh gun a chleachdadh!
As dèidh dhuibh a stàladh, gheibh sibh e fo Innealan > Quick Locale Switcher. AIRE: Chan eil na pacadaidean cànain an cois an QLS a o thùs oir tha cus ann dhiubh. Dèanaibh na leanas:
- Roghainnean > Sgeamannan ionadail
- Cuiribh cromag ris na cànain a tha sibh ag iarraidh ann, m.e. gd (Gàidhlig) agus en-UK (Beurla) air neo Gàidhlig agus Ruisis.
- Chì sibh, aig bun na h-uinneige ud, rud a tha ag ràgh Faigh barrachd pacaidean cànain. Briogaibh air sin 's bheir e sibh dhan duilleag far a bheil pacaidean cànain Mozilla.
- Taghaibh na tha a dhìth oirbh is stàlaichidh Firefox sin leis fhèin. Bidh again ri Firefox ath-thòiseachadh ach sin agaibh e!