Tha dearbhadh-litreachaidh Gàidhlig ri fhaighinn am broinn Opera a-nis cuideachd. Tha e glè fhurasta fhaighinn ann agus seo dhuibh treòir bheag:
1) Ann am bogsa teacsa (cha mhòr bogsa sam bith ach tha cuid ann nach eil ag obair, feuchaibh am bogsa air prìomh dhuilleag Google sa chiad dol a-mach), cuiribh a-steach facal sam bith 's dèanaibh briogadh deas air an fhacal. Aig bun na liosta, cuiribh cromag ri Ceartaich an litreachadh agus an uairsin briogaibh air Faclairean agus Cuir ris/Thoir air falbh faclairean...

2) Cuiribh cromag ri Gàidhlig sa liosta agus aontaichibh ris a' cheadachas GNU.

3) Tha dearbhadh-litreachaidh sa Bheurla ann a ghnàth ach ma tha sibh ag iarraidh Gàidhlig, tha agaibh r' a taghadh mar fhaclair bunaiteach:

4) Sin agaibh e. Chì sibh loidhnichean dearga fo fhaclan air a bheil coltas neònach ann an sùilean an fhaclair 's gheibh sibh a chuid molaidhean ma nì sibh briogadh deas air facal:

NB: Tha fios gu bheil rudeigin neònach le t-/t-- san sgaoileadh mu dheireadh. Chan eil sinn buileach cinnteach carson fhathast ach tha sinn ag obair air! An dòchas gum bi e feumail dhuibh!