Page 1 of 1

BnaG ag iarraidh "Acadamaidh Gàidhlig"

Posted: Thu Oct 27, 2011 9:36 pm
by Thrissel
Tha an t-àm ann Acadamaidh Gàidhlig a stèidheachadh airson briathrachas na Gàidhlig a thoirt air adhart san àm ri teachd, a rèir ceannard Bhòrd na Gàidhlig.

Tha Iain Aonghas MacAoidh ag ràdh gum brosnaicheadh seo co-obrachadh eadar oilthighean 's eile a tha a' cur faclairean ri chèile, agus gur e cuideachadh mòr a bhiodh ann a thaobh leasachadh a' chànain.
Tuilleadh:
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... demy.shtml

Re: BnaG ag iarraidh "Acadamaidh Gàidhlig"

Posted: Thu Oct 27, 2011 10:22 pm
by Gràisg
Saoilidh mi nach eil e cho simplidh ri sinn. Cha d' fhuair "le weekend" an t-sitig fhathast a dh'aindeoin a h-uile oidhirp a rinn l'Académie française. Ach 's dòcha gu bheil rudeigin gu tur diofraichte a tha aig amas BnG

Re: BnaG ag iarraidh "Acadamaidh Gàidhlig"

Posted: Sat Oct 29, 2011 1:02 am
by Thrissel
Shaoilinn gun do ghabh l’Académie française ri weekend:
http://fr.wiktionary.org/wiki/Annexe:Rectifica
tions_orthographiques_du_français_en_1990#Mots_soud.C3.A9s

Ach is mise cuideachd an dòchas nach bi an Acadamaidh coltach ris an tè Fhrangach - nach eil GLnaG/GOC ann mu thràth?

Re: BnaG ag iarraidh "Acadamaidh Gàidhlig"

Posted: Sun Oct 30, 2011 5:04 pm
by Gordon
Watch this space ! I think after our pilot GSOL (Gaelic for Speakers of Other Languages) course at MiLC (www.milc-uk.co.uk) , we will be looking at using the same methodology in a number of fields such as Academic Gaidhlig - if the methodology seems to work and we have good feedback from the students , then the sky is the limit for Gaidhlig at MiLC!

Re: BnaG ag iarraidh "Acadamaidh Gàidhlig"

Posted: Sun Oct 30, 2011 5:55 pm
by Gordon Wells
Gordon wrote:Watch this space ! I think after our pilot GSOL (Gaelic for Speakers of Other Languages) course at MiLC (http://www.milc-uk.co.uk) , we will be looking at using the same methodology in a number of fields such as Academic Gaidhlig - if the methodology seems to work and we have good feedback from the students , then the sky is the limit for Gaidhlig at MiLC!
I think you may have got hold of slightly the wrong end of the stick here. This string is about a "Gaelic Academy", not "Academic Gaelic", though good luck with the latter...

Gordon (Wells)

Re: BnaG ag iarraidh "Acadamaidh Gàidhlig"

Posted: Tue Nov 01, 2011 8:43 pm
by GunChleoc
An t-suidheachadh anns a bheil a' Ghàidhlig, 's e gu bheil briathrachas a dìth ann an cuspairean far nach robh e ceadaichte a' Ghàidhlig a chleachdadh san àm a chaidh seachad. Bhiodh e nas fhasa do na h-uile duine nan robh buidheann air choireigin ann a bhiodh a' sealltainn a bheil facal ann a bheil cuid a' cleachdadh mar-thà is mura h-eil, a' sireadh facal freagarrach. An uairsin, feumaidh sinn dòigh gus na faclan ùra a sgaoileadh. Cha ghabh an t-sluagh ri faclan Gàidhlig ùra mura thèin gan cleachdadh gu cunbhalach is mura h-eil iad eòlach orra. Agus nam biodh an sluagh a' gabhail ri facal eile an uair sin seach facal an acadamaidh, coma leat, cuiridh sinn seo ris a' bhriathrachas.

Tha cuimhne agam dè cho doirbh a bh' ann faighinn a-mach dè a' Gàidhlig air "electrical coil" nuair a sgrìobh mi an sgeulachd Doctor Who agam. Bha "dimensional stabiliser" mòran nas fhasa air sgàth 's gum b' urrainn dhomh eadar-theangachadh air coireigin a dhèanamh a chòrdadh riumsa :lol: