Page 1 of 1

"Gaelic Revival? What Gaelic Revival?"

Posted: Sat Aug 24, 2013 4:00 pm
by Neas Olc
Dè ur beachd mus an artaigil seo? A-rèir na leugh mi ann, tha e a coimhead mar chan eil riaghltas agus coimhairlichean oifigeil ag obrachadh cho math.

http://bellacaledonia.org.uk/2013/08/23 ... c-revival/

Gu mi-fhortanach tha am pàirt seo dìreach mar na chithear 'sa Chuimrigh an là an diugh. "Naaaaah, chan eil againn ri Chuimris Caerfyrddin a chuideachadh, bithidh i beò gu brath ann an Gwynedd" etc etc.
For years it was fatally easy for all of us living in the North and West, and faced with language death on our doorsteps, to kid ourselves that the language was still holding its own over there, on the next island … but the Shawbost Report of 2011 -(http://www.gaidhlig.org.uk/Downloads/Th ... awbost.pdf) – scotched any such comforting wishful thinking. Gaelic is not holding its own anywhere.

Re: "Gaelic Revival? What Gaelic Revival?"

Posted: Sat Aug 24, 2013 8:17 pm
by faoileag
Tha puingean ciallach ann, ach 's e dòigh-shealladh ro àicheil a th' aige, nam bheachd-sa.

'S e an aon neach a sgrìobh am blog 'Gilleasbuig Aotrom' a sgrìobh am pìos ud, is e (a-réir coltais) nas deiseile is deònaiche càineadh a thilgeil a-mach na rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn e fhèin.

Feumaidh sùilean geur sgrùdaidh a bhith ann cuideachd, le cinnt, ach tha feum aig Gàidhlig air barrachd air càineadh is beachdan - feumaidh sinn daoine le molaidhean susbainteach, nìtheil, agus iad deiseil na molaidhean aca a chur an gnìomh.

Dìreach ann an artigilean 'tromchuiseach', seach ann am blogaichean.

Re: "Gaelic Revival? What Gaelic Revival?"

Posted: Sat Aug 24, 2013 8:19 pm
by Seonaidh
Dè an cànan a tha a' cumail na tìre aige an aghaidh uile-lathaireachd na Beurla?

Posted: Sun Aug 25, 2013 8:26 am
by Gràisg
"Feumaidh sùilean geur sgrùdaidh a bhith ann cuideachd, le cinnt, ach tha feum aig Gàidhlig air barrachd air càineadh is beachdan - feumaidh sinn daoine le molaidhean susbainteach, nìtheil, agus iad deiseil na molaidhean aca a chur an gnìomh."

An urrainn do na "grass-roots" iomairtean a chur an gniomh? Saoil ciamar a thaining mobheurla.com mar chloich as an adhair. An urrainn do "quango" coimhearsnachd riochdachadh? A bheil an doigh smaoineachadh as an tàinig mygaelic fhathast aig teas meadhan BnG? S' dochca gu bheil Niall caran borb ach chan eil e na aonar.

Re: "Gaelic Revival? What Gaelic Revival?"

Posted: Sun Aug 25, 2013 11:58 am
by faoileag
Freagairt mhionaideach le Art, mar artaigil làn, air Bella C. a- nis.

http://bellacaledonia.org.uk/2013/08/24/gaelic-revival/


Sgrìobh e mar Comment àbhaisteach e, ach nochd e mar artaigil - glè chothromach, chanainnsa.

Re: "Gaelic Revival? What Gaelic Revival?"

Posted: Sun Aug 25, 2013 8:05 pm
by Seonaidh
Mar a thuirt mi, tha cùisean dona don uile cànan ach Beurla an-dràsta. Ciallaichidh sin gum feumaidh sinn - an fheadhainn a tha airson do chànanan a mhairsinn - an gnothach a dhèanamh. Dè an taic a chuireas tu don Ghàidhlig an-diugh?

Re: "Gaelic Revival? What Gaelic Revival?"

Posted: Sun Aug 25, 2013 9:20 pm
by faoileag
Bidh sinn uile a bhios a' cleachdadh Gàidhlig air an eadar-lìon, ann am fòraman is blogaichean is Facebook is air Skype, gus cothroman-cleachdaidh a chruthachadh, no luchd-tòiseachaidh a chuideachadh, no 'dìreach' gum bi Gàidhlig an làthair cho tric 's cho farsaing 's a ghabhas...bidh sinne a' cur taic do Ghàidhlig. Ged nach e 'fìor native-speakers' a th' annainn.

Agus tha cuid dhinn a' teagasg cànan no òrain, 's a' sgrìobhadh, is rannsachadh a dhèanamh, no ag obair san roinn phòblach tro mheadhan na Gàidhlig gus luchd na Gàidhlig a bhrosnachadh seirbheisean is fiosrachadh sa Ghàidhlig a chleachdadh a-rithist...amsaa

Agus tha cuid eile ann, anns na coimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig beò fhathast, mar Uibhist, ag obair gu dìreach le luchd na Gàidhlig ann an obraichaean is pròiseactan is seirbheisean ionadail tro mheathan na Gàidhlig.

Agus bidh sinn a' ceannachd leabhraichean is CDan, 's dòcha a' pàigheadh airson leasanan no cùrsaichean, no a' siùbhal gu coimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig is airgid a' chosg an sin.


Tha mi eòlach air daoine gu leòr air a' bhòrd-bhrath seo againn a bhios a' dèanamh co-dhiù aon no dhà de na rudan sin.


Saoil dè tha Gilleasbuig a' dèanamh a-mach às a' bhlog shearbh ud?

Re: "Gaelic Revival? What Gaelic Revival?"

Posted: Fri Aug 30, 2013 2:56 pm
by GunChleoc
Tapadh leibh airson an dà artagail seo. Chòrd an deasbaid an cois ruim cuideachd. Seadh, tha e cudromach ràdh ma tha cùisean a' dol gu ceàrr nad bheachd, ach tha e nas fhasa càineadh na cùisean a chur air bhog thu fhèin! Mar a thuirt Dauenhauer & Dauenhauer mun Tlingit, cha sàbhail duine eile do chànan, feumaidh tu fhèin a dhèanamh. Agus feumaidh sinn uile feuchainn ach an obraich sinn còmhla ach an cuir sinn ar sgilean ri chèile.