Page 1 of 1

Mìosachan 2014 - 2014 Calendar

Posted: Sun Dec 01, 2013 11:13 am
by GunChleoc
Eilean àlainn mo chridhe 's tu Muile mo ghràidh
An tìr tha fo choilltean le beanntan cur sgàil ...


Image

Thàinig an Dùbhlachd oirnn a-rithist! Mar sin, seo am mìosachan 2014 dhuibh is gach dealbh air a thogail ann am Muile. Tha e an-asgaidh mar as àbhaist, ach feumaidh sibh fhèin a chlò-bhualadh. Seo far am faigh sibh e.

It's December again! So, here's the 2014 calendar for you with pictures from Mull. It's free like always, but you have to print it yourself. Get it here.

Re: Mìosachan 2014 - 2014 Calendar

Posted: Tue Dec 03, 2013 10:53 am
by GunChleoc
Fhuair mi post-d o Mhuileach ag innse dhomh nach robh a h-uile ainm-àite mar bu chòir. Tha mi duilich mu seo is chuir mi gu ceart iad:

I got an e-mail from a Muileach telling me that not all placenames were correct. I apologise for that and I have corrected them:

Gorstan -> Goirstean
Loch Donn -> Loch Dona
An Salen -> Sàilean Ruadh Chaluim Chille

Re: Mìosachan 2014 - 2014 Calendar

Posted: Tue Dec 03, 2013 3:02 pm
by faoileag
Mòran taing a-rithist, GC - dealbhan àlainnn. :D
Bha mi ann am Muile bliadhnaichean air ais agus thug iad gu mo chuimhne na làithean-saora brèagha sin.

Thanks again, GC. Beautiful pictures. I was on Mull many years ago and they reminded me of that lovely holiday.

Re: Mìosachan 2014 - 2014 Calendar

Posted: Wed Dec 04, 2013 9:17 am
by GunChleoc
Dh'fhaighnich mi dhan Mhuileach chòir mu ainmean nan taighean air dealbh an Dùbhlachd is seo na thuirt e:
Tha amharas agam gur e seo Rudha an Fheurain (Grasspoint) is beanntan Lathurna taobh eile a' Chaoil. Tha seo aig beul Loch Dona beagan seachad air Goirstean. Ann an dealbh na h-Og Mhios is e Dun Da Ghaoth is Beinn Bhairneach na beanntan a chi thu.
Nach laghach an duine! :)

Re: Mìosachan 2014 - 2014 Calendar

Posted: Wed Dec 04, 2013 10:50 am
by poor_mouse
Mòran taing, a GhunChleoc!