Page 1 of 1

Cùrsa ùr aig SMO: PgCert ann an Deasachadh agus Foilleachadh

Posted: Mon Dec 23, 2013 9:06 pm
by caoimhin
Tha cùrsa ùr aig Sabhal Mòr Ostaig gu bhith a’ tòiseachadh an ath shemeastar (le teagasg air astar). ’S e teisteanas for-cheum a tha seo, ann an sgilean deasachaidh agus foillseachaidh. Bidh e feumail do dhuine sam bith a tha an sàs ann am foillseachadh na Gàidhlig - foillseachadh leabhraichean no leabhraichean-d.

Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo.

Bidh am Proif. Richard Cox a’ teagasg air a’ chùrsa seo

Re: Cùrsa ùr aig SMO: PgCert ann an Deasachadh agus Foilleac

Posted: Thu Dec 26, 2013 9:24 pm
by Seonaidh
Unfortunately, I'm not much into jessicking and folshicking myself, ach 's e cùrsa gealltanach don fheadhainn aig a bhios ùidh annta. Cuin a bhios PgCert no a leithid ann aig SMO ann an, can, matamataig?

Re: Cùrsa ùr aig SMO: PgCert ann an Deasachadh agus Foilleac

Posted: Sat Feb 15, 2014 8:57 am
by GunChleoc
Seonaidh wrote:Cuin a bhios PgCert no a leithid ann aig SMO ann an, can, matamataig?
Uill, on a tha sinn air Excel eadar-theangachadh, tha cnap briathrachais math againn san fhaclair bheag a-nis :lol:

Re: Cùrsa ùr aig SMO: PgCert ann an Deasachadh agus Foilleac

Posted: Sat Mar 15, 2014 10:38 am
by Níall Beag
Microsoft Excel: a chuir sgrios air an eanchainn bho chionn 1993...

Re: Cùrsa ùr aig SMO: PgCert ann an Deasachadh agus Foilleac

Posted: Sun Mar 16, 2014 1:13 am
by Seonaidh
'S toil leam sin...dè bh' ann - Microsoft Expel? (bathar bog airson Hogwarts)

Re: Cùrsa ùr aig SMO: PgCert ann an Deasachadh agus Foilleac

Posted: Mon Mar 17, 2014 1:17 pm
by akerbeltz
Cinnteach gum bi fèill mhòr aig a' Mafia air cùrsa ann am foilleachadh - Mafia Gàidhlig ceart mu dheireadh thall? 8-)

Re: Cùrsa ùr aig SMO: PgCert ann an Deasachadh agus Foilleac

Posted: Tue Mar 18, 2014 9:39 pm
by Níall Beag
Agus leis gu bheil deasachadh ann, tha fianais again nach e mearachd a th' ann.