Page 1 of 1

Experts call for BBC Alba subtitles in Gaelic

Posted: Sun Dec 21, 2014 11:49 am
by Gràisg
http://www.scotsman.com/what-s-on/tv-ra ... YA.twitter

Deagh phuing agus mo lan-thaic dhan iomairt aig Gàidlig.tv ach gu mi-fhortanach chìthear na h-amadain àbhaisteach tighinn a-steach air an artaigail a tha seo gus ionnsaigh a thoirt air Gàidhlig: agus gu dearbh tha iad tighinn a-steach mar zombies air dusgadh le fuaim bhon fheadhainn fhathast beo san dol seachad.

Re: Experts call for BBC Alba subtitles in Gaelic

Posted: Thu Dec 25, 2014 11:23 am
by GunChleoc
Puing eile nach do thog iad a tha cudromach nam bheachd-sa, 's e gun gabhadh na fo-thiotalan Beurla a chur dheth - tha mi ro luath air leughadh agus tha e doirbh dhomh gan seachnadh ach an èistinn ris a' Ghàidhlig. Bhiodh e nas fhearr nan robh roghainn de fho-thiotalan ann airson an dà chuid Beurla no Gàidhlig 's an roghainn gus an cur dheth.