Page 1 of 1

Bogadh STEALL 1.2 - Iris Ghàidhlig ùr

Posted: Sat Nov 05, 2016 9:05 am
by Gràisg
"Bha oidhche bogaidh eile gu math soirbheachail aig STEALL ann an Inbhir Nis. Fhuair mi lioft le Meg Bateman às an Eilean Sgitheanach an dèidh obair, agus fhuair sin ann dìreach ann an àm. Leugh Maoilios Caimbeul agus Meg, agus sheinn Aonghas Mac a’ Phì a’ phìob, uile fo stiùireadh Iain MacIllechiar a bha anns a’ chathair. Cha robh mi fhìn an dùil leughadh, ach chaidh iarraidh orm ann an ruith a’ ghnothaich, agus tha mi an dòchas nach do rinn mi masladh às. Bha an sgeulachd aig Maoilios uabhasach inntinneach, ga sgrìobhadh ann an sruth-inntinn, agus ged a leugh mi an sgeulachd aig Meg mar thà, bha e fiù ’s na b’ fheàrr èisteachd rithe beò. Tha rudeigin cho taitneach mun dòigh leughaidh aig Meg." Tuilleadh an seo

https://drilseach.net/2016/11/04/bogadh-steall-1-2/

Bogadh STEALL 1.2 - Iris Ghàidhlig ùr

Posted: Thu Jan 26, 2017 9:50 am
by GunChleoc
Agus seo làrach-lìn na h-irise: http://www.steall.online/