Mise air prògram Choinnich

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Mise air prògram Choinnich

Unread post by Coinneach Cìr » Thu Oct 04, 2007 10:22 pm

Chan eil mi cinnteach ma 's e naidheachd a tha seo no nach e ach co-dhiù cha deach càil a sgrìobhadh an seo fhathast :D
Bha mi bruidhinn air prògram Choinnich an-diugh sa mhadainn, 's e an cuspair a bha aca a bheil Glaschu (agus bailtean mòra) cunnartach. Bha mise ag ràdh nach robh cho fad 's a bha thu an ìre mhath glic. Bidh cothrom agaibh èisteachd an seo fad là no dhà co-dhiù, bha sinn ann aig toiseach a' phrògram.
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/



amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh » Fri Oct 05, 2007 12:40 pm

A Choinnich,
dh'èist mi ris a' phrògram air an t-slighe gu h-obair, agus bha amharas agam gum b'e dhutsa a bhruidhinn :-)
Co-dhiù, tha mise dhen bheachd gum bi na meadhanan nas cunnartaiche na rud sam bith eile: gach feasgar anns na naidheachdan 'se a' phrìomh chuspair cò chaidh a chur gu bàs no cò bhàth ann an Loch Laomann no cò chaochail anns na beanntan. Feumaidh gum bi na daoine dhen bheachd gu bheil Alba an dùthaich as cunnartaiche san t-saoghal.
Ma dèan mi an coimeas eadar na naidheachdan Gearmailtich agus "Reporting Scotland", tha e coltach gu bheil "bias" car neònach anns an dùthaich seo.
Chan eil e mìorbhaileach gu bheil a h-uile daoine ag iarraidh CCTV aig gach oisean (tha e dearbhaichte nach dèan CCTV diofar sam bith a thaobh eucoir ach ann an pàrcaichean chàraichean aig a bheil feansaichean).
Sin mo bheachd-sa co-dhiù.

amhlaobh

Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr » Fri Oct 05, 2007 11:05 pm

Ciamar a dh'aithnich sibh mi?
Tha sibh ceart, tha na meadhanan a cur seachad cus ùine bruidhinn air murt is bàs.

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4523
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc » Sun Oct 07, 2007 6:09 pm

Uill, chaidh mi a Ghlaschu agus a' coiseachd tro na beanntann agus tha mi beò fhathast. 'S dòcha gum biodh agam ri dol a Loch Laomann an ath-thuras? :twisted:

Cha bu thoil leam an CCTV air feadh an dùthaich. B' fhèarr leam m' uaigneachd? (privacy) a chumail.

Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr » Sun Oct 07, 2007 10:38 pm

GunChleoc wrote:Cha bu thoil leam an CCTV air feadh an dùthaich. B' fhèarr leam m' uaigneachd? (privacy) a chumail.
Chan eil mi cinnteach dè a' Ghàidhlig a th' air ach tha mi dol leat co-dhiù.

amhlaobh
Posts: 50
Joined: Thu Sep 20, 2007 2:15 pm

Unread post by amhlaobh » Mon Oct 08, 2007 4:20 pm

Uill, thuirt Coinneach Mòr gun robh e a' bruidhinn ri "C. Coombe" (a bheil sin ceart?) agus bha sin seòrsa de thiodhlac (giveaway) :-)

Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr » Wed Oct 10, 2007 11:00 pm

amhlaobh wrote:Uill, thuirt Coinneach Mòr gun robh e a' bruidhinn ri "C. Coombe" (a bheil sin ceart?) agus bha sin seòrsa de thiodhlac (giveaway) :-)
Chan eil ach aon 'o' agam :priob:
Last edited by Coinneach Cìr on Sun Oct 21, 2007 11:36 am, edited 1 time in total.

Lughaidh
Posts: 84
Joined: Fri Sep 21, 2007 12:22 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: A' Bhreatann Bheag

Unread post by Lughaidh » Sun Oct 21, 2007 12:00 am

Bu toil leam èisteachd riut a Choinnich, am beil am prògram sin ri fhaigheann àite sam bith a thuilleadh a-nis ? :(

Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr » Sun Oct 21, 2007 11:35 am

Lughaidh wrote:Bu toil leam èisteachd riut a Choinnich, am beil am prògram sin ri fhaigheann àite sam bith a thuilleadh a-nis ? :(
Oh bidh e air falbh a-nis, chan eil iad ga chumail air "èist a-rithist" ach seachdain. Cha do chlàr mise e oir nach caomh leam a bhi ag èisteachd rium fhìn!! Tha mi duilich.

Post Reply