San t-srìth ùr aig Fionnlagh thèid do bhogadh 's an còrr

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

San t-srìth ùr aig Fionnlagh thèid do bhogadh 's an còrr

Unread post by Gràisg » Sat May 23, 2009 9:47 am




neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 10:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni » Sat May 23, 2009 3:57 pm

A rèir Alasdair MhicCaluim, a rinn rannsachadh air suidheachadh an luchd ionnsachaidh ann an saoghal na Gàidhlig, chan eil ach mu 700 de luchd ionnsachaidh ann uile gu lèir a tha air fileantas a ruigsinn.

dè an rannsachadh a bha sin? cha do dh'fhaighnich duine dhioms'.

Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg » Wed May 27, 2009 11:06 am

'Ach aig an àm seo, chan eil ach glè bheag de luchd-ionnsachaidh a' fàs fileanta agus chan eil iad a' cur ri àireamhan luchd-làbhairt na Gàidhlig no ri tar-char na Gàidhlig gu ìre mhòr sam bith. Chunnaic sinn gu bheil feum againn air mu 750 Gàidheal ùr gach bliadhna gus àireamahan luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail far a bheil iad. Aig an àm seo, chan eil faisg air 750 duine a' fàs fileanta anns a' Ghàidhlig gach bliadhna. Gu dearbh, is e an tuairmise a tha agamsa nach eil fiù 's 750 duine ann uile gu lèir a tha air Gàidhlig ionnsachadh gu fileantachd mar inbhich. '

Alasdair MacCaluim, Air iomall an iomaill, Revitalising Gaelic, Dunedin Academic Press 2006


'S mise buailteach a bhith ag aontachadh le '750' uile gu lèir'. Beachd aig duine sam bith eile?

Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 6:29 pm

Unread post by Each » Wed May 27, 2009 2:08 pm

An e aig an classaichean fhein a tha an trioblaid.

Tha an cuid as motha aig ire iosal direach agus mhothaich mi nach robh sgoilearan deonach (neo misneachail) a bhruidheann no a gluasad air adhart dhan ire nas airde. Air a sgaths, chan eil moran classaichean aig ire nas airde a cuir air doigh.

Tha naire a tighinn orra, nuair a fheuch iad a bhruidheann, fuis anns an class, smauin iad gu bheil iad torr mearachdan a dheanamh. Chunnaic mi gach seorsa class, agus rudan math ann an gach fear ach, aig aig ceann na rathaid, tha feum aca air cothrom a bhruidheann ann an suidheachadh naddurra, pios air falbh as a class.

Chan eil moran cothroman ann.

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4523
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc » Thu May 28, 2009 8:03 am

'S e pailteas chlasaichean a th' ann aon de na trioblaidean gun teagamh.

Barrach air sin, tachraidh e le ionnsachadh cànain sam bith nach bi a' mhòr chuid a' leantainn gus an àrd-ìre. Chunnaic mi an aon rud leis na cànanan eile a dh'ionnsaich mi no a thòisich mi air ionnsachadh.

Anns a' chiad semester, bidh an àite loma-làn dhaoine, can 25. An dàrna semester, bidh mu deichnear ann agus an uair sin àireamh fiù 's nas lugha...

Tha e glè dhoirbh clasaichean do dh'inbhich a chur air dòigh a bhios comasach air an t-sluagh gu lèir a thigeas ann. 'S dòcha gum bi an aon ìre aca mas e luchd toiseach tòiseachaidh a th' ann, ach an uair sin bidh cuid ag ionnsachadh ann an dòigh nas luaithe na càch. Feumaidh na clasaichean a bhith flexible airson a bhith math dhan a h-uile duine.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Post Reply