Row deepens over Caithness signposts

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Row deepens over Caithness signposts

Unread post by Gràisg »

Bhon làrach P&J

'Plan is nothing less than Gaelic colonialism, says far north councillor
Published: 26/06/2009

CAITHNESS councillors insisted yesterday they would continue to fight for devolved power on the issue of adding Gaelic to signs across the county following another lengthy and passionate debate on the issue.

They were defeated in two separate votes at the council’s Inverness headquarters yesterday after arguing that the council-wide policy was “undemocratic” and would “force Gaelic down people’s throats”.'

tuilleadh an seo:
http://www.pressandjournal.co.uk/Articl ... 9?UserKey=


Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Agus, gu dearbh, bha iad a' deasbaireachd a h-uile argamaid tro mheadhann na Gàidhlig nach robh?

"Gaelic imperialism"? Chan eil fios aca gun rugadh iad!
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

'Asked what options were open to the Caithness rebels, he said: “We can go all the way to Europe.”
Gaelic imperial mints ann no às. Bu chòir dhaibh a bhith faiceallach thall a sin, chìthear pailteas soidhnichean dà-chànanch. Turas gu h-ifrinn airson a leithid dhaoine?
ArtMacCarmaig
Posts: 46
Joined: Wed Feb 04, 2009 10:27 pm

Unread post by ArtMacCarmaig »

Gheibheadh Mgr Rosie a-mach cuideachd gu bheileas a' dìon na Gàidhlig fo Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz »

Bà, chan eil innte ach cuideigin a lorg dòigh mu dheireadh thall air faighinn a-steach dha na h-eadlines.
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Unread post by AlasdairBochd »

Tha mi buileach cinnteach gu bheil thu ceart, a Mhìcheal. Ma bhios bhót sam bi ann (no amharas air), bidh "daoine taghta" ann cuideachd.
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Unread post by Each »

Rinn sibh a cuis, gun teagamh ach na bhith cho bragail.

Thoiribh an aire. Tha sinn a sireadh taic airson cultar mionaideach agus deirbh aithne fa leth ach aig an aon am, tha sinn toirt dìmeas do cultaran agus deirbh aithne a buin do cuid eile.

Air sgaths gu bheil sinn cho proisal, chan faic sinn seachad air ar sròn fhèin agus mar sin tha sinn a togail gràin ann an àite na daimh. Cuiribh ur sùilean air am bun-sgotha. Cà bheil sinn a dol leis an ro-innleachd seo ?

Seo mo bheachd – ma tha sinn airson spèis, feumaidh sinn toirt spèis.

Chan eil sin a ciallachadh gun stad sinn a h-uile amas a tha againn neo adhartas a rinn sin ach mar a fhàs sinn nas làidir, feumaidh sinn fasadh nas glioca, nas subailte.

Chan èill càil ceàrr a toirt spèis do ainmean Gall anns a Gallaibh. Nan bhiodh ainmean Gàidhlig air an mòr cuid na soidhneachan air an rathad mòr agus a h-uile togalach chomhairle ann an-dràsta, – de an ciall a spionnadh gàidhlig air gach sràid agus bothar a feadh na siorrachd ?

Tha an seòl-mara a dol leinn agus nan bhiodh beagan foighidinn againn, tigeadh an latha far am bith iad àbhaisteach do dhaoine.

Ach chan e puing adhartas a tha seo, ach puing poilitigeach airson sealltainn cho làidir sa tha sinn an diugh.

Nach eil sinn carran mar an ìomhaigh a tha anns an ceann Mgr Rosie agus mura bheil sinn faiceallach, tionndaidh an seòl-mara.
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Unread post by faoileag »

'S e dragh reusanta a th' agad, Eich.

Ged a tha a h-uile argamaid airson Gàidhlig sa bheatha phoblach, agus feumaidh sinn ar dìcheall a dhèanamh gus Gàidhlig a chumail beò agus laidir, cha bu chòir dhuinn sin a dhèanamh mar bhurraidhean, no fiù 's le coltas bhurraidhean do chàch.

'S e loidhne glè chumhang a th' ann, gu dearbh fhèin.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Feumaidh sibh a chur nur cuimhne gu bheil taobh eile den ghnothaich a tha seo. Tha muinntir Gallaibh air bhoil le Comhairle na Gàidhealtachd airson grunn adhbharan agus chan eil iad nan aonar sa Ghàidhealtachd tha fiù ‘s an cuthach buailteach a bhith air muinntir Inbhir Narann le cùisean a’ tighinn a-mach a Inbhir Nis. Ann a bhith a’ toirt breab don phoileasaidh Ghàidhlig aig a’ Comhairle tha na Comhairlichean ud a’ smaoineachadh air an ath thaghadh. Cha bhi na luchd-bhòtaidh san fharsaingeachd gu dubh an aghaidh Gàidhlig ach bi iad taiceil do dhuine sam bith a tha airson Comhairle na Gàidhealtachd a chàineadh.
Nam bheachdsa san mar sin a tha e.
Post Reply