
'S e sreath de phrògraman foghlaim a th' ann an GCompris le deagh chàileachd is tha iomadh cleas na bhroinn airson clann aois 2 gu 10. 'S e geamannan a th' ann an cuid dhe na cleasan ach tha iad math airson foghlam co-dhiù.
Tha GCompris a' tairgse tuilleadh is 100 chleas a-nis agus tha barrachd 'gan leasachadh. 'S e bathar-bog saor a th' anns a' GCompris, 's e seo gum faod thu gleus a chur air a-rèir nam feumalachdan agad fhèin, a leasachadh is gu h-àraidh a cho-roinn leis a' chlann air fheadh an t-saoghail.
Tha a' Ghàidhlig na bhroinn on tionndadh 13.11 a-mach. Ach am biodh na geamannan co-cheangailte ri litrichean is faclan a-rèir feumalachdan na Gàidhlig, bha sinn fiù 's an sàs ann am prògramachadh is mi fhìn air dà chànan ùr ionnsachadh (C is Python

Mar a stàlaicheas sibh GCompris
Cha leig sibh leas ach an tionndadh iomchaidh airson an t-siostaim-obrachaidh agaibh a luchdadh a-nuas o gcompris.net is leantainn air an stiùireadh. Ma tha sibh air Windows no MacOSX, feumaidh sibh còd iarraidh gus inntrigeadh fhaighinn dhan a h-uile cleas, ach chan iarr iad mòran oirbh. Nì iad seo a dh'aona-ghnothaich gus Linux is bathar-bog saor san fharsaingeachd a bhrosnachadh.
Mar a dh'atharraicheas sibh an cruth-clò
'S urrainn dhuibh an cruth-clò a thaghadh ann an clàr-taice nan roghainnean. Mholamaid gun cleachd sibh Andika aig SIL tha tha ga sholar fo cheadachas SIL Open Font License is tha e làn fhreagarrach don fheadhainn a bhios ag ionnsachadh leughadh. Rinn sinn tionndadh dheth a-rèir nan gnàthasan Breatannach: dèanaibh briogadh deas air an-seo gus a luchdadh a-nuas.
Feumaidh sibh am faidhle dì-dhùmhlachadh an uairsin is a stàladh (bu chòir do bhriogadh dùbailte air Andika-R.ttf a chùis a dhèanamh airson an stàlaidh).
Barrachd mhìneachaidhean air an stàladh ceum air ceum le glacaidhean-sgrìn air iGàidhlig
Glacaidhean-sgrìn


Barrachd ghlacaidhean-sgrìn