Page 1 of 1

JRPG: Valyria Tear

Posted: Tue Dec 17, 2019 8:43 am
by GunChleoc
Valyria Tear

Image

’S e geama cluich mas fhìor (RPG) air stoidhle Sheapanach 2D airson aon chluicheadair a th’ ann am Valyria Tear agus cluichidh tu ann an saoghal meadhan-aoiseach.

Thèid thu an riochd Bhreannain, seo òganach ’s èiginn dha strì airson sealbh air criostal dìomhair. Le taic an nì chumhachdaich sin, gheibh e a-mach mun chunnart a thàinig air an t-saoghal aige ach cuideachd mu mhisneachd is gaol.

Sa gheama seo, gheibh thu sgeulachd tharraingeach, rùrachadh air mapa dathail, còmhragan, stiùireadh phearsachan, tòimhseachain is a bharrachd.



Faigh e air https://valyriatear.blogspot.com/

Glacaidhean-sgrìn:

ImageImageImageImageImageImageImageImageImage