Gàdhlig (sic) ann an cunnairt, ach a cheil fhios aig Unesco

Càil sam bith eile / Anything else
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Gàdhlig (sic) ann an cunnairt, ach a cheil fhios aig Unesco

Unread post by GunChleoc »

Fhuair mi an aiste seo mu Atlas mhion-chànanan a chaidh fhoillseachadh le UNESCO aig làrach-lìn a' phàipeir bhig, ach chan eil càil a dh'fhios agam cùine a chaidh an aiste seo fhoillseachadh :?
Gàdhlig ann an cunnairt, ach a cheil fhios aig Unesco dè an cunnairt?

[...]

A rèir UNESCO, tha mu 2,500 cànan ann an cunnart san t-saoghal a-mach à mu 6,000 a th’ againn gu lèir. Tha iad a’ nochdadh air a’ mhapa aig UNESCO le beagan fiosrachaidh an lùib gach cànan agus an ìre cunnairt anns a bheil iad, ’s iad na h-ìrean: neo-shàbhailte, ann an cunnart dha-rìribh, ann an cunnart mòr, ann am fìor dhroch chunnart agus marbh.

Tha an t-Atlas a’ comharrachadh 11 cànan san Rìoghachd Aonaichte agus Èirinn a Tuath a tha ann an cunnart no marbh. Tha feadhainn ann air nach do smaoinich mi fhìn, mar Fraingis Alderney agus Jersey, agus thathar ag innse dhuinn gu bheil Còrnais (thraidiseanta) agus Gàidhlig Eilean Mhanainn (thraidiseanta) marbh, còmhla ri Fraingis Guernsey. Bhiodh gu leòr ann an Eilean Mhanainn agus sa Chòrn a dheigheadh às àicheadh gu bheil an cànan aca marbh, ach a rèir an sgioba a rinn an t-Atlas do dh’UNESCO, tha na cànanan traidiseanta sin air a dhol a-mach à bith: agus sin a’ ciallachadh gun do chaochail an duine mu dheireadh aig an robh an cànan bhon ghlùin mar chiad chànan, agus bha aca ris a’ chànan ath-bheòthachadh.

Tha a’ Ghàidhlig ann an cunnart dha-rìribh a rèir Atlas UNESCO, rud leis am bi a h-uile duine againn ag aontachadh. Ach nuair a chuir mi a’ cheist air an fhear a rinn an rannsachadh airson nan cànanan ann an cunnart san Roinn-Eòrpa, Tapani Salminen, ciamar a thàinig e chun a’ cho-dhùnaidh mun Ghàidhlig, thuirt e:

[...]

Dh’iarr mi air Mgr Salminen innse dhomh dè an sgòr a fhuair Gàidhlig na h-Alba fon t-siostam a bh’ aig UNESCO airson tomhas spionnadh cànain, ach thuirt e: “Tha na siùil rannsachaidh ro shìmplidh is neo-chunbhalach gus bruidhinn mun deidhinn. Thathar a’ cur gach cànan ann an roinn fo sgèile a rèir measadh coimeasach: ann an suidheachaidhean soilleir, tha sin a’ ciallachadh gum bi am measadh gu mòr an crochadh air beachdan pearsanta agus chan fhaighear sgòr sònraichte.”

Tha e coltach gu bheil rannsachadh UNESCO air cor na Gàidhlig stèidhichte air aistidhean bho dhà leabhar mu na cànanan Ceilteach gu lèir (le sàr sgoilearan gun teagamh sam bith). Agus ged a tha na h-aistidhean sin glè fhiosrachail, chaidh aonan de na leabhraichean fhoillseachadh ann an 1993, agus tha a’ mhòr-chuid de aon alt san leabhar sin, co-dhiù, a’ bruidhinn air cnàmhan a’ chànain (gràmar is gnàths is mar sin adhart, no cànanachas) agus chan eil ach iomradh gu math aithghearr air cor a’ chànain. Leis an sin, tha Mgr Salminen air measadh a dhèanamh air cor na Gàidhlig le bhith leughadh dà leabhar, coimhead air àireamhan a’ Chunntas-sluaigh, agus ’s dòcha le bhith bruidhinn ri duine no dithis eile, chan eil mi cinnteach oir cha tuirt e cò iad. Ma bha barrachd na lùib cha tuirt e rium.

An aiste slàn:

http://www.whfp.com/Frontpage/Gàdhlig-a ... nairt.html


Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread post by Thrissel »

Tha an aiste seo ag ràdh gu bheil an t-Atlas air fhoillseachadh air loidhne air 19 an Gearran 2009, agus tha an t-Atlas fhèin an-seo. Nuair a thaghas sibh an Rìoghachd Aonaichte, tha e a' gairm Albais agus Cuimris "vulnerable", Gàidhlig Mhanainneach "critically endangered", Gàidhlig agus Gaeilge "definitely endangered" agus Còrnais "extinct".
Post Reply