Page 1 of 1

Luach nan seann sgrìobhaidhean

Posted: Wed Feb 09, 2011 1:27 pm
by An Gobaire2
Tha mi a' toirt fainear bho chionn greis a-nis, cho cudromach 's a tha na seann sgrìobhaidhean do mar aon luchd-ionnsachaidh agus fileantaich na Gàidhlig.

Tha na seann leabhraichean de bhàrdachd, ùir-sgeulan agus rosg air http://www.archive.org cho fiachail 's a bha iad riamh don chànan.

Tha iad eadhon nas cudromaiche leis mar nach fhaighear cothrom a-nis am fuaimneachadh ceart fhaicinn sgrìobhte do iomadh fhacal nach cluinnear cho tric ann an còmhradh. Airson do chuid Ghàidhlig a thoirt chun na h-ìre as àirde, tha iad riatanach ged a tha iad sean. Ciamar a dh'fhaodas fios a bhith aig luchd-ionnsachaidh agus fileantaich air mar a ghabhas cuid de dh' fhaclan a labhairt gu ceart? Na Ròmanaich an-diugh.ach b' iad na Rómhanaich a bh' aca roimhe, mar eisimpleir.