'Bhlagtacht', 'blagaisféar' na Gaeilge, Chiberghaeltacht

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

'Bhlagtacht', 'blagaisféar' na Gaeilge, Chiberghaeltacht

Unread post by Gràisg »

Seo artaigail gu math inntinneach a chàirdean (ged feumaidh mi aideachadh nach eil mi buileach tuigsinn a h-uile cail):

http://alisonnidhorchaidhe.blogspot.com ... ht-na.html


Cailín Rua
Posts: 1
Joined: Wed Oct 19, 2011 11:39 pm
Language Level: Meadhanach
Location: Éirinn
Contact:

Re: 'Bhlagtacht', 'blagaisféar' na Gaeilge, Chiberghaeltach

Unread post by Cailín Rua »

A Gràisg chòir,

Taing airson am facal a sgapadh! :D Bha mi a' coimhead air do bhlog fhèin, tha e glè mhath agus feumail dhomhsa oir tha na blogaichean Gàidhlig eile air an duilleag agad. Tha mi a' faicinn gu bheil ùidh agad sna h-eòin cuideachd! Bha sinn a' bruidhinn mu dheidheann blogadairean Gaeilge, ach luaidh mi a' Ghàidhlig agus am pròiseact a th' aig Rody Gorman le sgrìobhadairean òg - seall air am blog s'aca, "Guthan na Gàidhlig": http://sgriobag.wordpress.com/ Bidh mi a' cumail sùil air blogaichean Gàidhlig a-nise, agus sgrìobhaidh mi rudeigin mu dheidheann.

Alison
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: 'Bhlagtacht', 'blagaisféar' na Gaeilge, Chiberghaeltach

Unread post by Gràisg »

Hi Alison,

tl a charaidh, chan fhaca mi am Blog ud aig gu ruige seo. Chuir mi a-steach do Tìr nam Blog e. 'S ann an sin a nochdas biadh bhon na blogaichean a tha fhathast beò. GU mì-fhortanach chan eil mi air a bhith a' sgrìobhadh móran sa bhlog agam fhèin am bliadhna ach a-nis le obair an t-samhraidh seachad bidh beagan a bharrachd ùine agamsa gus a leithid sin a dhèanamh.
B' àbhaist do "Tìr nam Blog" a bhith gu math cudromach air a' Ghàidhealtachd air loidhne agus rinn BBC Alba prògram air na tachartasan eadar-nàiseanta a bha a' dol stèidhichte mu thimchioll na blogaichean. A-nis tha cuisean caran sgapte tarsainn Facebook msaa. Seo bhideo a rinn iad ann an 2007:
http://video.google.co.uk/videoplay?doc ... 8901019765
A-nis tha TnamB fhathast a' dol mar "brand name" air http://www.tirnamblog.com ach a bharrachd air sin mar bhiadh RSS do twitter:
http://twitter.com/#!/Tirnamblog
Agus duilleag Facebook cuideachd:
http://www.facebook.com/pages/T%C3%ACr- ... 588?ref=pb

tapadh leat airson a bhith sgrìobhadh an seo Alison agus cùm ort le do chuid Ghàidhlig. :)
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: 'Bhlagtacht', 'blagaisféar' na Gaeilge, Chiberghaeltach

Unread post by GunChleoc »

Tha dà inbhir againn a-nis air sgàth gun robh Cadalach ro thrang ach an dèanadh e ùrachadh air Tìr nam Blog. Mar sin, rinn sin dàrna fear air http://www.togblog.org/

Thàinig Tìr nam Blog beò a-rithist a-nis :)

Cuideachd, a bheil thu eòlach air Indigenous Blogs?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply