5 Latha de Ghnìomhan Gàidhealachm Òrain ùra

Càil sam bith eile / Anything else
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

5 Latha de Ghnìomhan Gàidhealachm Òrain ùra

Unread post by GunChleoc »

Le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal toilichte tachartas còmhnaidh a chumail anns Na Gearrannan, Eilean Leòdhais eadar 9 agus 14 Giblean 2012.

Bidh ‘5 Latha’ a’ toirt cothrom sònraichte do chlann a tha san àrd-sgoil, agus a tha fileanta sa Ghàidhlig, ionnsachadh mu obraichean traidiseanta a bha, agus a tha, cudromach ann am beatha nan Gàidheal mar croitearachd, iasgach agus an Clò Hearach a bharrachd air oideachadh ciùil is òrain agus sgilean còcaireachd.

Rè na seachdain, bidh com-pàirtichean a’ fuireach ann an coimhearsnachd Gàidhlig far am bheil na h-obraichean seo fhathast nam pàirt chudromach de bheatha muinntir na sgìre. Gach latha bidh am buidheann a’ tadhal air daoine aig a bheil sàr eòlas air an obair aca, agus a bheireadh cothrom do chom-pàirtichean ionnsachadh fhaighinn air na h-obraichean seo eadar a’ coimhead an dèidh caoraich aig àm breith nan uan, buain na mònadh, obair a’ bhradain, trusadh maorach agus obair leis a Chlò Hearach bho snàth gu seacaid. Bidh taisbeanaidhean bìdhe gan toirt seachad gach latha le cothrom ionnsachadh sgilean còcaireachd agus biadh traidiseanta a’ dhèanamh le grìtheidean na sgìre.

Ged nach fheum comas ciùil a bhith aig com-pàirtichean airson 5 Latha a fhrithealadh, bidh sinn a’ tabhann cothroman sònraichte ceòl is òrain ionnsachadh bho shàr luchd-ciùil na Gàidhlig cuideachd nam measg Norrie MacIomhair (Seinneadair Gàidhlig na bliadhna) bhon chòmhlan Mànran.
Barrachd fiosrachaidh: http://www.feisean.org/ga/naidheachdan/ ... .php?ID=37

Dèigheil air ceòl? Òran annad a tha dìreach air bàrr do bhilean? Eil beagan spionnaidh a dhìth ort airson tòiseachadh air d’ òrain fhèin a sgrìobhadh oir neo gleans a chur air na fuinn ’s na briathran agad? Tha Fèisean nan Gàidheal agus Stiùidio Clàraidh Watercolour a’ tabhann cothrom do shianar òganach le Gàidhlig agus aois 16-25, ceithir latha a chur seachad a’ dèanamh an dearbh rud sin.
Barrachd fiosrachaidh: http://www.feisean.org/ga/proiseactan/?ID=11


Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply