Page 1 of 1

Dealbh-chluiche san dà chànan

Posted: Thu Apr 12, 2012 10:35 am
by Gordon Wells
Ceangal an seo gu Eairdsidh Caimbeul a' bruidhinn mu dheidhinn dràma ann an Uibhist:

http://guthan.wordpress.com/2012/04/11/ ... ity-drama/

Stèidhichte air "Gille an Fheadain Duibh" ann an "Thugam agus Bhuam" (Pàdruig Moireasdan).

Tha cuideachd beachd no dhà aig Eairdsidh air mar a dh'fhaodadh dràma mar seo luchd-ionnsachaidh a chuideachadh.

Re: Dealbh-chluiche san dà chànan

Posted: Tue May 29, 2012 9:57 am
by GunChleoc
Bhiodh e feumail don luchd-ionnsachaidh cuideachd nan robh fo-thiotalan sa Ghàidhlig ri fhaighinn. Aig amannan, chan aithnich thu facal air a bheil thu eòlach.

Re: Dealbh-chluiche san dà chànan

Posted: Fri Jun 01, 2012 8:53 pm
by Gordon Wells
Seadh, tuigidh mi na tha thu ag ràdh. Tha mi cinnteach gun obraich sin glè mhath le bhideothan. 'S e gnothach car teicnigeach a bhiodh ann fo-thiotalan a chur ann san dà chànan ann an tachartas beò, ge-tà! :-)