Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Càil sam bith eile / Anything else
Cùl a’ Bhìogais
Posts: 27
Joined: Fri Jan 11, 2013 10:45 am
Language Level: Fileanta
Location: A' cur taic ris a' bhàr...

Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by Cùl a’ Bhìogais » Sun Feb 24, 2013 3:17 pm

http://www.bbc.co.uk/news/world-africa-21563077

A-rèir na tha Hollande ag radh, sin na h-iomairtean Frangach a' tighinn gu an ceann-amais, mar gum biodh, is g'eil na feachdan aca air a' chuid as motha de na rudan a bh'iad son dèanamh a dhèanamh. Chan eil mi buileach cinnteach - leis na bhàsaich de shaighdearan à Chad a' latha eile - g'eil sin fìor, ach bidh e inntinneach faicinn mar a leasaicheas (neo mar a bhoglaicheas) cùisean.

'S ann dha na Tuaregs a tha m'thruas as deidh seo ge-tà - cha mhòr nach robh saorsa aca, mura b' e gun d'leig iad dha na h-Ioslamaich brath fhaighinn oirre.



Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by Thrissel » Fri Mar 01, 2013 5:35 pm

Fìrinn innse, chan eil mi a' tuigsinn nam Frangach idir. Nuair a bha na h-Ioslamaich ann an Libya a-mach, chuir iad taic dhan Ioslamaich. Nuair a tha na h-Ioslamaich ann am Mali a-mach, tha iad a' dol an an aghaidh. (Agus chan e dìreach na Frangaich a bharrachd.)

Cùl a’ Bhìogais
Posts: 27
Joined: Fri Jan 11, 2013 10:45 am
Language Level: Fileanta
Location: A' cur taic ris a' bhàr...

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by Cùl a’ Bhìogais » Sat Mar 02, 2013 4:04 pm

Ann an Libya, chanainn nach robh àite cho mòr aig na h-Ioslamaich - gu h-àraidh an coimeas ri muinntir Thunisia is na h-Èiphit. Ann am Mali, b'e Al-Qaeda dha-rìribh a bh'ann - mura robh a' Fhraing air càil a dhèanamh, bhiodh iad air smachd fhaighinn air Mali gu lèir, agus bhiodh Afghanistan eile (anns gach dòigh) air a bhith againn ann an deich bliadhna, fada ro fhaisg air a' Roinn Eòrpa. Chan e Gaddhafi a th'anns an Junta a bha riaghladh Mali - ged a bh'iad a cheart cho amaideach ann an cuid a dhòighean. Cha bu chòir dhuinn diochnachadh a bharrachd g'eil ceangalan gu math faisg is càirdeil ann eadar uaislean Francafrique agus a' Fhraing fhèin, tòrr a bharrachd na tha eadar dùthchannan a bh'ann an Iompaireachd Bhreatainn.

Syria, ge-tà... tha sin a' riochdachadh cealgaireachd na Frainge, Bhreatainn is na Stàitean nam bheachd sa.

Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by Gràisg » Sun Mar 03, 2013 10:04 am

Uill tha ruideigin ri radh agus tha mi caran fadallach. Tha mi mothaichail nach eil mi a' cleachdadh mo chuid Ghaidhlig tric agus ma sin tha mo chomasan sgriobhadh a' dol as an rathad gu math luath. An fhirinn innse ' s docha nach robh iad gu moran feum co-dhiu, fiu 's as deidh ceithir bliadhna aig oilthigh. Saoilidh mi gu bheil an gainneadh fhreagirt a th'agaibh a' dearbhadh cho lag 's a tha a' Ghaidhlig agus caite a bheil deasbad agus comhradh ri fhaighinn ann an saoghal na Gaidhlig. Ma tha thu airson rannsachaidh agus gramar a deasbad gheibhear comhradh cha mhor sa bhad ach taobh a-muigh reidio na Gaidheal cait a bheil e. Chaidh am paipear-naidheachd An Gaidheal Ur as an uinneig agus cha tainig dad sam bith na aite.

Right ma tha:

Bidh mise faiceallach leis a h-uile naidheachd a tha tighinn as a’ Chogadh an aghaidh ceannairceachd. Saoilidh mi gu bheil cus sniomh ri fhaighinn mu thimchioll a h-uile naidheachd tighinn as a’ ghnothaich.
Co a th’ann an Al Qaeda co-dhiu? Seorsa franchise a th’ann nach eil. Ma tha thu ag aontachadh leotha san fharsaingneachd bidh cead agad do aonad fhein a chur air doigh. Mar a rinn an amadain cunnartach bho Leeds a chaidh dhan treanaichean fo-thalamh Lunnain le bombaichean nam pocannan-druim. Saoilidh mi gu bheil a leithid stri tarraingneachd do chuid dhen oigridh Iolsamaich. Nas tarraingneachd buileach nuair a chithear iad na drones a’ losgadh air daoine neo-cionntach.

Afraga? Feumaidh sinn cuir nar cuimhne gur e sinne, na Eorpaich a chruthaich e mar a tha e. Chaidh criochan a chur air a’mhapa bha a’ cordadh ris na duthcannan mora Eorpach aig an am. Cha robh iad a’gabhail a-steach idir cultar no canan no dad sam bith buantainn do mhunntir an aite.

A thaobh na Frangaich, mise ag aontachadh riut gu mor, an fhirinn innse, cha do dh’fhalbh iad idir.

Rud a tha inntinneach dhomhsa nuair a leughas tu litreachas a chaidh a sgriobhadh le tusanaich Afraganach tro mheadhan na Frangais chithear coltas air ciamar a chaidh cuisean leis na Gaidheal. Le mor culture cumhadachd tighinnn a-steach le foghlam agus creidheamh Ann an uine nach bi fada cha bhith do chanan fhein gu moran feum son faighinn air adhart san coimhearsnachd ur a chruthaich na Eorpaich. Agus sgaradh eadar da chultair as a dheidh agus a h-uile trioblaid na chois.

Fhios’m chan e a-mhain leis na Frangaich a thachair sin. Tha e fhathast a’ tachairt ge-ta, chan e a-mhain le canain Eorpach ach leis na mor-canan Afriganach a’ gabhail lamh an uachdar. Le globalisation (mor-cruinneachas?) faodadh tu a radh gur ann as luatha a thachair e a riamh a tha cuisean a-nis. A bharrachd air sin gheibhar bochdainn agus trioblaidean eile air feadh Afriga. Sa bhurach a tha seo chan eil e a’ cur iognadh sam bith gu bheil a leithid trioblaidean ri fhaicinn ann am Mali agus aiteachan eile.

Cùl a’ Bhìogais
Posts: 27
Joined: Fri Jan 11, 2013 10:45 am
Language Level: Fileanta
Location: A' cur taic ris a' bhàr...

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by Cùl a’ Bhìogais » Sun Mar 03, 2013 12:03 pm

Dhomh fhìn, tha mi a' dol leat a thaobh cothroman deasbad is còmhraidh sa Ghàidhlig air taobh tha muigh an teaghlach, an oilthigh neo Radio nan Gàidheal - tha gainnead dhan a' leithid air BBC Alba, agus tha a' Ghàidhlig a' fulang leis am beàrn a th'ann a dh'fhàg Gairm agus An Gàidheal Ùr. Càite am faicear, san t-saoghal poblach, roinn-deasbad dhan Ghàidhlig? Cha smaoinich mi fhìn air àite. Ach 's mathaid, fiù 's le bhith ag radh seo fhad is a bhruidhneas sinn air Mali, g'eil sinn a' cur fianais ris an dearbh rud muna bheil sinn a' gearain.

Tha e fìor gu leòr gur e seorsa d'dh'ainm a th'ann an Al-Qaeda, ach chan eil sin ag radh gum bu chòir dhuinn smaoineachadh nach e cunnart a bh'anns na buidhnean ann am Mali (agus a th'unnt' fhathast - chunna sinn sin ann an Algeria, aig an ionad ola. Smaoinich fhèin ma bha sin air tachairt is mur nach robh na Frangaich air dad a dhèanamh ann am Mali ro-làimh, is an trioblaid a bhiodh ann son stad a chur orra a' leithid a dhèanamh a-rithist).

Tha trioblaidean air a bhith ann an Aifrica fada mus d'thàinig an 20mh linn agus na Iompaireachdan Eòrpach - chanainn fhìn g'eil e ro fhurasta is ro fhasanta an coir a chur oirnn fhìn airson na trioblaidean. Dh'aontaichinn g'eil na crìochan a chaidh an sgròbadh san fhàsach aig amannan gu math teagmhach agus a' dèanamh cron, ach rinn iad feum cuideachd - thàinig an t-soisgeul gu leòr dhen mhòr-thìr air ar sgàth, is sgrìobhadh, leughadh agus leasachadh na lùib. A' bruidhinn air Mali, b' e na Frangaich a chur stad air tràilleachd ann, san robh na Tuaregs gu mòr an sàs o thùs - ach tha mi mothachail gun d'thàinig cron còmhla ris na h-Iompaireachdan cuideachd.

'S e ceist inntinneach a th'ann mu dheidhinn coimeas eadar na Gàidheil is tùsanaich eile - tha cuimhn' agam air dealbh fhaicinn sa phàipear naidheachd, tràth san ar-a-mach Tuareg mus d'fhuair na h-Ioslamaich làmh an uachdar, a' sealltainn bàrd cogaidh Tuareg is e a' seinn dàn-brosnachaidh son daoine a thàladh gun strì.

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4523
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by GunChleoc » Tue Mar 12, 2013 5:13 pm

Ach tha trioblaidean air a bhith againne san Roinn-Eòrpa cuideachd ron 20 linn is gu h-àraidh aig toiseach na linne ud - an dà chogadh mòr a dh'adhbharaich sinn is a thug sinn dhan t-saoghal air fad. Is an uairsin an cogadh fuar nach robh fuar idir taobh a-muigh an t-saoghail shiaraich is an Ruis. Seo dìleab na h-ìmpireachd cuideachd.

Tha cuimhne agam air film a chunnaic sinn ann an clas Portagailis a thug sùil air na seann cholonaidhean. Thug iad sùil air mar a dh'eirich dhaibh an dèidh an neo-eisimeileachd, is le gach dùthaich nach d' fhuair neo-eisimeileach ach an dèidh bliadhna shònraichte (chan eil cuimhne agam dè am bliadhna a bh' ann), thàinig cogadh sìobhailta an cois na neo-eisimeileachd. Mar sin, bha Brasil ceart hgu leòr, ach cogadh ann an dùthannan eile, gu h-àraidh Angola is Moçambique far an robh e uabhasach dona fad bliadhnaichean mòra.

Cuideachd, mar a tha na crìochan a thug sinne dhaibh, tha an t-aon sluagh sgapte air feadh iomadh dùthaich is iomadh sluagh san aon dùthaich an uairsin. Chan eil an t-iongnadh ann gun tig trioblaidean an cois seo.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Cùl a’ Bhìogais
Posts: 27
Joined: Fri Jan 11, 2013 10:45 am
Language Level: Fileanta
Location: A' cur taic ris a' bhàr...

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by Cùl a’ Bhìogais » Thu Mar 14, 2013 12:18 pm

GunChleoc wrote:Ach tha trioblaidean air a bhith againne san Roinn-Eòrpa cuideachd ron 20 linn is gu h-àraidh aig toiseach na linne ud - an dà chogadh mòr a dh'adhbharaich sinn is a thug sinn dhan t-saoghal air fad. Is an uairsin an cogadh fuar nach robh fuar idir taobh a-muigh an t-saoghail shiaraich is an Ruis. Seo dìleab na h-ìmpireachd cuideachd.

Tha cuimhne agam air film a chunnaic sinn ann an clas Portagailis a thug sùil air na seann cholonaidhean. Thug iad sùil air mar a dh'eirich dhaibh an dèidh an neo-eisimeileachd, is le gach dùthaich nach d' fhuair neo-eisimeileach ach an dèidh bliadhna shònraichte (chan eil cuimhne agam dè am bliadhna a bh' ann), thàinig cogadh sìobhailta an cois na neo-eisimeileachd. Mar sin, bha Brasil ceart hgu leòr, ach cogadh ann an dùthannan eile, gu h-àraidh Angola is Moçambique far an robh e uabhasach dona fad bliadhnaichean mòra.

Cuideachd, mar a tha na crìochan a thug sinne dhaibh, tha an t-aon sluagh sgapte air feadh iomadh dùthaich is iomadh sluagh san aon dùthaich an uairsin. Chan eil an t-iongnadh ann gun tig trioblaidean an cois seo.
Tha Brasil agus na colonaidhean Africanach gu tur eadar-dhealaichte, ge-ta. Nuair a fhuair ise neo-eisimealachd, b'ann ann an doigh gu math... Eorpach, a rinn i e, ma 's math m'chuimhne, oir b'e iompaireachd a bh'ann cha mhor mar Phortugal Ur fhad is a bha rudan a' dol air adhart acasan air tir-mor Phortugal - ach chan eil an treubhachd a rinn uidhir de chron ann an Aifrica cho nochdte ann an Aimearagaidh a Deas - fiu 's an coimeas ri naiseantachd na Roinn Eorpa san fhicheacheadamh linn, direach a chionn is gur iad a' Spainn is a' Phortugal a-mhain a bh'ann (air taobh tha muigh Guyana). Bha da adhbhar sonraichte ann gun deach Angola is Mozambique gu cogadh siobhalta nas miosa na torr eile ann an Africa, is 's e sin riaghaltas Phortugal, a dh'fheuch ri smachd a chumail orra mar phairt de Phortugal fhein, is cuideachd bha'n Cogadh "Fuar" a' dol is na smal sam pairt sin dhen t-saoghal - le Aifrica a' Deas, Aimearagaidh, na Sionaich, Cuba, agus na Ruiseanaich uile a' feuchainn ri cuisean atharrachadh gun a' rud a b'fhearr dhaibh p'fhein.

A thaobh Mali ge-ta, an fhaca duine seo?

http://www.bbc.co.uk/news/world-africa-21754798

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4523
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by GunChleoc » Thu Mar 14, 2013 12:40 pm

Tha seo a' cur nam chuimhne an suidheachadh sna Stàitean Aonaichte gun robh duine sam bith a thogadh a ghuth an aghaidh a' chogaidh ann an Ìorac "unpatriotic". Chan e ach leisgeul a th' anns gus cuidteas fhaighinn dhen fheadhainn nach eil a' dol leat.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Cùl a’ Bhìogais
Posts: 27
Joined: Fri Jan 11, 2013 10:45 am
Language Level: Fileanta
Location: A' cur taic ris a' bhàr...

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by Cùl a’ Bhìogais » Thu Mar 14, 2013 1:24 pm

Gun teagamh. Tha e nadarra gun tachradh rudan mar seo ann an cogadh, nuair a dh'fhasas riaghaltas is sluaghan "jingoist", mar a chanas iad, ach nuair a tha sliochdan eadar-dhealaichte san duthaich, 's ann a tha e ga dheanamh nas cunnartaiche buileach.

'S e rud eile mu dheidhinn seo g'eil e coltach gum brosnaich e na h-Ioslamaich, is gun leudaich e an sgaradh a th'ann eadar muinntir a' chinn a' tuath is a' chinn a' deas.

Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by Thrissel » Thu Mar 14, 2013 8:52 pm

GunChleoc wrote:Ach tha trioblaidean air a bhith againne san Roinn-Eòrpa cuideachd ron 20 linn is gu h-àraidh aig toiseach na linne ud - an dà chogadh mòr a dh'adhbharaich sinn is a thug sinn dhan t-saoghal air fad. Is an uairsin an cogadh fuar nach robh fuar idir taobh a-muigh an t-saoghail shiaraich is an Ruis. Seo dìleab na h-ìmpireachd cuideachd.
Chan eil mi cinnteach gu bheil mi gad thuigsinn. Ciamar a bha èirigh Hitleir sna 30an no Cogadh Iran-Iraq dìleab na h-ìmpireachd? Chan eil mi ag ràdh gur e rud math a tha san ìmpireachd idir, ach tha e ro fhurasta a' choire gu h-iomlan a chur oirre. Eadhon nam biomaid a' bruidhinn mu dheidhinn "ìmpireachd Sobhiatach", cha b' ann nuair a bha an t-Aonad Sobhiatach a' tuiteam às a chèile gun robh cogaidhean Eòrpach deireadh an fhicheadamh linn a bu mhotha ann, b' ann nuair a bha nàiseanan Yugoslavianaich a' dol gu neo-eisimeileachd.

Tha mi a' dol leibh mu dheidhinn "jingoism" ge-tà. Fad an t-saoghail, fad nan linntean bhiodh righaltasan a' mhì-gnàthachadh a' ghràdh-dùthcha, oir tha a' chrìoch eadar "is fheàrr leam mo dhùthaich" agus "chan fheàrr leam dùthachannan eile" cho tana uaireannan...

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4523
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by GunChleoc » Fri Mar 15, 2013 10:08 am

Cha robh mi a-mach air impireachd le seo ach nach robh an Roinn-Eòrpa gun trioblaidean a bhith ann nas motha. Mar sin, chan eil gun robh trioblaidean ann an Afraga ann mus tàinig an t-impireachd na argamaid dhomh nach eil an t-impireachd as coireach - gu ìre nach beag co-dhiù. 'S dòcha gum biodh cogaidhean eile ann, cò aige a tha fios, ach chan e na h-aon cogaidhean a bhios annta 's a th' againn an-diugh.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by poor_mouse » Fri Mar 15, 2013 2:18 pm

Chan eil mi a' tuigsinn a h-uile run a bha sibh air sgrìobhadh an-seo, a charaidean, ach chan eil impireachd cho dona nam bheachd-sa -- san àm aice agus san àite aice.

Agus bha "ìmpireachd Soibhiatach" dìreach uabhasach dhomh fhèin, ach 's ann oir a bha ise Soibhiatach: nam biodh ise ach na dùthaich bheag, cha bhiodh i laghach do a muinntir...

Gabhaibh mo leisgeul airson na smaointinnean neo-bhuntainneach agam! :naire:
Eilidh -- Luchag Bhochd

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4523
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by GunChleoc » Fri Mar 15, 2013 4:05 pm

Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by Thrissel » Sat Mar 16, 2013 12:46 am

poor_mouse wrote:Agus bha "ìmpireachd Soibhiatach" dìreach uabhasach dhomh fhèin, ach 's ann oir a bha ise Soibhiatach: nam biodh ise ach na dùthaich bheag, cha bhiodh i laghach do a muinntir...
Seadh, ach nam biodh ise ach na dùthaich bheag, nach biodh "impireachd" a bhiodh innte, am biodh? :D

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Ceannarcaich is Cogadh san Fhàsach

Unread post by poor_mouse » Sun Mar 17, 2013 7:49 pm

Cha bhiodh gu dearbh, agus bhiodh sin fada nas fheàrr do dh'uile duine! :)
Eilidh -- Luchag Bhochd

Post Reply