Page 1 of 1

Uibhist ioma-chànanach - cuir Gàidhlig air шесии лексии!

Posted: Tue Aug 27, 2013 2:24 pm
by Gordon Wells
A chàirdean,

Cò dh'innseas an t-ainm a th' air an ròn seo do luchd-leantainn Guthan nan Eilean air Facebook? :priob:

Image

Mura h-eil comas leughaidh ann an Ruisis agaibh, tha sin ceart gu leòr. Cluinnear na tha am fear eile ag ràdh an seo: http://alturl.com/qqnnt

Tha 939 luchd-leantainn aig an duilleag seo - https://www.facebook.com/GuthanVoices - agus cha do nochd freagairt fhathast...

'S cinnteach gum bi fios aig cuidegin air Fòram na Gàidhlig, nach bi?

An dòchas gun innis sibh dhaibh... :)

Gordon

Re: Uibhist ioma-chànanach - cuir Gàidhlig air шесии лексии!

Posted: Tue Aug 27, 2013 10:56 pm
by Seonaidh
Det ser ut som "Seasaidh Leacsaidh". Agus sin mi a' smaoinntinn gum b' i ceòladair a bh' innte, seach bana-ròn...

Cò mheud de na h-Uibhistich aig a bheil Ruisis co-dhiù? No Nirribhis...

Re: Uibhist ioma-chànanach - cuir Gàidhlig air шесии лексии!

Posted: Wed Aug 28, 2013 9:28 am
by Gordon Wells
Canaidh cuid gu bheil na ròin gu math ceòlmhor, a Sheonaidh...

Chan eil fios agam mu dheidhinn Nirribhis, ach tha gu leòr ann aig a bheil Ruisis. Daoine, tha mi a' ciallachadh - chan eil mi cinnteach mu na ròin.

Image

Chithear comments a bharrachd mu dheidhinn seo air an aon duilleag FB: https://www.facebook.com/GuthanVoices

'S e sgeul gu math inntinneach a th' ann.

Re: Uibhist ioma-chànanach - cuir Gàidhlig air шесии лексии!

Posted: Fri Sep 13, 2013 5:56 pm
by GunChleoc
Cha chreid mi nach biodh an aibidil Cirileach nas fheumaile dhan Ghàidhlig is caolachadh aca :lol:

Re: Uibhist ioma-chànanach - cuir Gàidhlig air шесии лексии!

Posted: Fri Sep 13, 2013 9:27 pm
by Seonaidh
...no mar a chanar sa Bheurla, "the acrylic alphabet"...