Page 1 of 1

Beurla air BBC Alba a-rithist

Posted: Fri Jul 18, 2014 8:39 pm
by Gràisg
Program air BBC Alba a-nochd mu na Hearadh. Chuir mi dheth e, bha cus beurla ann.

Re: Beurla air BBC Alba a-rithist

Posted: Sat Jul 19, 2014 1:11 am
by Zwalla28
Tha mi air sin a choimhead cuideachd. Bha fhios 'm nach robh e a' dol a bhith cho math air taobh na Gàidhlig nuair a chunnaic mi gun robh an tiotal air, air a sgrìobhadh sa' Bheurla.

Chòrd e rium fhathast 's gu mòr, ge-tà. Ma tha Gàidhlig nàdarra ann idir, tha mi toilichte.

Re: Beurla air BBC Alba a-rithist

Posted: Sat Jul 19, 2014 6:29 pm
by Gràisg
'S math gun robh sin a' cordadh ribh, 's e deagh shianal a th'ann an BBC Alba ach chan eil mise son "Gaidhlig tro mheadhan na Beurla" fhaicinn nuair bhruthas air sianal Gaidhlig.

Re: Beurla air BBC Alba a-rithist

Posted: Sat Jul 19, 2014 11:31 pm
by Seonaidh
Nach eil Gàidhlig nàdarra ri faotainn sna Hearadh?

'S beag leam gu bheil a h-uile ball-coise 7c air Alba - bha mi ann an Dùthaich nam Basgach agus tha roghainn seanailean Euskera ann an sin.