air an eilean fhàgail

Càil sam bith eile / Anything else
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

air an eilean fhàgail

Unread post by neoni »

uill, dh'fhalbh mi an eilean sgitheanach an-dè, 's tha mi 'r ais an dùn èideann a-nis agus abair gu bheil e neònach bhith an seo a-rithist.

cha chuala mi facal gàidhlig (ach air an rèidio) fad an latha airson a' chiad thuras ann am miosan. tha mi fhathast ag ràdh nan rudan beaga de leithid "siud thu," "gabh mo leisgeul" is msaa dha daoine air na sràidean gun a bhith a' smaoineachadh air, ach falbhaidh sin gu luath tha mi cinnteach, 's bidh mi air ais ann an saoghal na beurla a-rithist. :gulach:


chan eil feum sam bith air an thread tha seo idir, bha mi dìreach 'g iarraidh rudeigin sgrìobhadh sa ghàidhlig.


faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Unread post by faoileag »

Obh, is truagh sin gu dearbh! :(

'S urrainn dhomh an clisgeadh culturach a dhealbhadh! :mc:

Feumaidh tu grèim a ghabhal air a h-uile cothrom a bhith a' cleachdadh Gàidhlig - radio, ceòl, WHFP, eadar-lìon, puist-d, SMS, fòn gu caraidean, Skype.... tha fios agad fhèin mar-thà.

Ach bhiodh e fìor dhuilich a bhith a' tighinn a-mach às an t-saoghal Ghàidhlig gu tur.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha, tha feum air!

Cha bhi e furasta dhut gun teagamh.

Lorg daoine eile aig a bheil Gàidhlig is cùm ort ag ràdh "gabh mo leisgeul" ach chan fhaighnich leisgeul air a bhith a' bruidhinn 'sa Ghàidhlig ann an dòigh sam bith!

Chaidh mi dhan Latha Bhreatannach an-dè is bha Albannaich gu leòr ann. 'S e tachartas carthannach a th' anns an latha seo agus bidh e ann gach bliadhna. Bhruidhinn mi ri muinntir a' Chaledonian Society agus thuirt aonar dhaibh gun tèid e dhan eaglais còmhla ri duine a tha às na h-Eileanan Siar! Chuir mi an seòladh post-d agam thuige is nise tha mi làn dòchais is dùil gu bheil miann aig an duine siud a bhruidhinn 'sa Ghàidhlig riumsa. 'S ann cho math a bhiodh e nach bith nam aonarachd nas motha! :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
eideard
Posts: 111
Joined: Sun Oct 28, 2007 11:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: 44º10'N 77º23'W

Unread post by eideard »

GunChleoc wrote: ... agus thuirt aonar dhaibh...
Dè tha thusa a' ciallachadh ? Chanainn "thuirt fear/tè dhiubh" no "thuirt fear/tè rium". :priob:
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Bha mi a' ciallachadh "fear dhiubh". Tapadh leat :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply