Should More People Learn Gàidhlig?

Càil sam bith eile / Anything else
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1749
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz » Thu Feb 19, 2009 7:00 pm

Tha mi leat, Niall. Tha fuaimneachadh na G glè chudromach - 's dòcha nach robh mi soilleir gu leòr. Nuair a bha mi a-mach air G Ghlaschu, 's e measgachadh nàdarra nan dual-chainntean a tha chlann a' togail. Cha chluinn thu G Leòdhais, Bharraigh no Uibhst aig an fheadhainn fhileanta ach rud a tha sa mheadhan.

Cha robh e fa-near dhomh a ràdh gur co-ionnan droch bhlas agus "blas ùr".



horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 8:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Unread post by horogheallaidh » Thu Feb 19, 2009 8:49 pm

tha mi-fhin den bheachd gu bheil am blas gaidhlig air leth chudromach airson an canan a shabhaladh - s ann inbhir nis a tha mi agus tha blas inbhirniseach agams gu ire (mar as abhaist, nuair a tha deoch orm! ;-)) ach fhads a tha mi a labhairt sa ghaidhlig, tha blas eadar-dhealaichte, gaidhealach agam

nuair a thoisich mi ag ionnsachadh gaidhlig, bha measgachadh de rudan a tachairt - bha mi-fhin a' faireachdainn gun robh e cudromach gun robh blas gaidhlig agam agus cudeachd - fhads a tha thu a' fuaimneachadh na facail - feumaidh tu aideachadh nach eil thu ga radh ceart mur eil blas gaidhlig agad - mar eisimplear - am facal labhairt - 's e fuaim tiugh a th'ann an 'l' - chan e mar 'london' fuaim gu math caol ach mar lllllabhairt - eil sin a' deanamh ciall? s docha nach eil?

ach co dhiu, an tidesear a bh'agam aig an am, bha ise a' moladh na cho cudromach sa bha e airson am fuaim ceart a bhi ann - ann an doigh, mar rote learning - ma thuirt mise l mar london, chanadh ise - a rithist 's msaa gus an d'fhuair mi ceart e - agus sin aig SMO!

eisimplear eile - cuimhne agad air an fhear-poilis a bh'ann an allo allo? goot moaning! s docha gum bi mearachdan mar sin a nochdach nas trice anns a ghaidhlig mur eil sinn a' toirt an aire air?

Níall Beag
Rianaire
Posts: 1366
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag » Fri Feb 20, 2009 9:10 pm

akerbeltz wrote:Tha mi leat, Niall. Tha fuaimneachadh na G glè chudromach - 's dòcha nach robh mi soilleir gu leòr. Nuair a bha mi a-mach air G Ghlaschu, 's e measgachadh nàdarra nan dual-chainntean a tha chlann a' togail. Cha chluinn thu G Leòdhais, Bharraigh no Uibhst aig an fheadhainn fhileanta ach rud a tha sa mheadhan.

Cha robh e fa-near dhomh a ràdh gur co-ionnan droch bhlas agus "blas ùr".
A... nuair a bhios cuid de daoine a' bruidhinn air cuspair de "blas Glaschu", bidh iad a' ciallachadh blas Gallick na River City. Gu mi-fhortanach, tha e a' tighinn nas cumanta, gu h-àraidh anns na sgoiltean. Tha mi air thachair ri fiù 's tidsear no dhà FtMnG aig a bheil blas gu math mì-nàdarra.

Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr » Sun Feb 22, 2009 10:49 pm

Murt mhòr, tha mi air a bhith air falbh bhon làraich seo beagan seachdainean is nach i tha air fàs trang le deasbadan gu math gu math cudromach!

Is caomh leam fhìn an rud a sgrìobh Tim, tha e gu math fìor mu dheidhinn inbhich a tha airson Gàidhlig ionnsachadh. Cuideachd tha mi ag ràdh sin mar chuideigin a tha teagaisg na clasaichean oidhche nach eil gu mòran feum leotha fhèin a-rèir Tim agus 's e an fhìrinn a th' aige. Tha tòrr den oileanaich agam ag iarraidh rud sòisealta is beagan Gàidhlig seach a bhith fileanta, nam bheachd sa.

Tha mi cuideachd ag obair le clann a tha a dol tro FTMG agus tha rudan mar "Tha mi Seonaidh, is mise còig" ri chluinntinn. Ach chan eil aon freagairt ann, tha FTMG a dèanamh feum ged a tha e milleadh a chànan ann an dòigh aig an aon àm. Mar a leugh mi an àiteigin eile an seo a-nochd bhiodh e math nam b' urrainn don BhBC can barrachd Gàidhlig nàdarra a chleachdadh. Bhiodh barrachd stiùireadh do thidsearan Gàidhlig a thaobh gnàthasan-cainnte gu math feumail cuideachd.

Ach aig an aon àm abair gu bheil feum air tidsearan àrd-sgoil an-dràsta....

Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh » Mon Feb 23, 2009 8:40 pm

"Madainn mhath, a Choig, cia meud seonaidh a th' annad?". Ach sin e. Ma bhios clann ag ionnsachadh canan nach eil am parantan ro eolach air, 's ann anns a theid rudan bho chananan eile. Ciamar a dh'fhas a' Bheurla cho diofar ri cananan Gearmaillteach eile? Chaidh i a h-ionnsachadh le daoine a bhiodh nan abhaisteach ri cananan Ceilteach.

Ach tha "atharrachadh" agus tha "cearr". 'S ann an rud as doirbhe a tha faighinn fios air an diofar.

horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 8:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Unread post by horogheallaidh » Mon Feb 23, 2009 9:50 pm

tha seo gu math inntineach a chairdean - eil sinn ag radh, ma tha, nach eil FTMG ag obair, no nach eil e gu feum? Air aon lamh, saoilidh mi de thachras dha na chlann nuair a fagas iad FTMG? a bheil feadhainn a fuireach fhathast anns an saoghal na gaidhlig no a bheil barrachd ga fagail air an culaibh?

ma tha an e public relations exercise a th'ann? bums on seats airson abairt beurla a chleachdach a-rithist?

Gràisg
Rianaire
Posts: 1547
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg » Wed Feb 25, 2009 10:17 am

Tha plana na Gàidhlig a’ crochadh gu mòr air FTMG, thathar a’ sùileachadh leis a’ Bhòrd gum bi 15,000 pàiste a’ tighinn a-steach gu foghlaim bun-sgoile tron Ghàidhlig sa bhliadhna 2041 (ann an 2006/7 bha 313 sgoilear air an clàradh airson P1, a-rèir na staitistearachd aca). Ge b’ e de seòrsa Gàidhlig a bhruidhneas a’ clann ud (ma bhios iad ann) ann an 2041 am bi coimhearsnachd Gàidhlg sam bith beò taobh a-muigh nan sgoiltean? Bha Faoileag a-mach air de cho duilich ‘s a tha gus na fileantachd a thoirt a-steach do chùisean ath-thilleadh gluasad cànain. Dhomhsa mur a bheil fada a bharrachd taic bho na fileantaich a tha a’ fuireach sa h-uile bad far a bheil FTMG cha tig piseach air a’ ghnothaich agus cha tig piseach nas motha air na sgilean labhairt luchd-ionnsachaidh.

chris-1961
Posts: 87
Joined: Thu May 15, 2008 6:59 pm
Language Level: beginner - intermediate
Location: Penicuik, Alba.
Contact:

Unread post by chris-1961 » Sat Mar 14, 2009 1:50 am

Halò a h-uile a duine. :D

Hello everyone.

It's pleasing to know what people have actually said about the topic I started a few weeks ago now. I agree with all the comments especially when it was said that we should include the older generation of Gaelic speakers and listen to them as much as possible.

While, like most of the members on here, I would hate to see the Gaelic language die out all together, I would also like to see a revival of the language, and hopefully include learners and do our very best to get them to be as fluent as possible with the language.

All in all, let us do our utmost to work together and make the revival happen but not rush headlong into it, rather take it easy and build up slowly to where more and more people would rather see a Gaelic revival than let it die out completely.

Hope some of you agree with what I have posted here and please let me know what, if anything, we can do to include the older generation of speakers and learners and work as a single unit to ensure total survival of Gàidhlig.

Mar sin leat an-dràsta agus mòran taing. :D

Sun
Posts: 12
Joined: Sun Jul 05, 2009 6:40 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Baile Cheith, Alba

Unread post by Sun » Sat Jul 11, 2009 10:50 pm

Its a shame really, but if the government don't get stuck in and make it compulsory at schools and give it adequate support there really wont be a gaidhlig to speak of in the next 200 years.

Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh » Sun Jul 12, 2009 12:46 am

Chan eil mi cinnteach mu dheidhinn "compulsion": tha mi a' creidsinn gum bi seo a' tachairt ann an Èirinn ach chan eil mòran Èireannach a tha cofhurtail leis a cleachdadh. Ach taic - sin ceist eile.

Níall Beag
Rianaire
Posts: 1366
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag » Sun Jul 12, 2009 2:32 pm

Sun wrote:Its a shame really, but if the government don't get stuck in and make it compulsory at schools and give it adequate support there really wont be a gaidhlig to speak of in the next 200 years.
As I've already said, there's already too high a demand and people are being taught with no access to a genuine native model of speech. Ha doonyuh a breeyin mar show.

Making proper Gaelic compulsory would mean forcing the majority of Gaelic speakers into teaching. Do you think that would be popular?

akerbeltz
Rianaire
Posts: 1749
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Unread post by akerbeltz » Mon Jul 13, 2009 11:47 am

In any such endeavour you need to focus on key bits, since our resources are limited. That includes teachers.

So rolling out GME or classes across schools in Scotland is a) not doable and b) probably not desirable. You don't just need quantity you also need quality. Think of your average school-leavers French or Spanish skills. What use would that level of Gaelic be?

However, rolling out GME across all of the Western Isles, West Highlands and some of the Inner Isles (like Islay, Tiree...) would be feasible and have a huge impact on our core Gaelic speaking areas. Gaelic won't die as a language, there are too many dedicated people around but the big question of our generation will be if we win or loose the battle for those areas where Gaelic is spoken in daily life by a majority.

Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh » Mon Jul 13, 2009 8:21 pm

Cha toil leam an Genetically Modified Education seo...Ach, ag innse an fhìrinn, bhiodh oidhirp aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh na h-Alba a' dèanamh rudeigin mar sin! Bhiodh everyneach a' speakadh Gàidhlig, oh 's e.

Ach the feum airson barrachd foghlam Gàidhlig anns na roinnean eile cuideachd. Chane Genetically Modified, ach Gàidhlig mar darna cànan, mar a tha Fraingis is eile an teagasg an-dràsta. Och, cha bhi mòran a fàgail na sgoile leis a' Ghàidhlig (mar Fraingis is eile), ach bidh ùidh aig beagan. Feumar sradagan airson teine a thoiseachadh - ach chan eil sradag sam bith, m.e., ann am Fìobha an-dràsta.

Sun
Posts: 12
Joined: Sun Jul 05, 2009 6:40 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Baile Cheith, Alba

Unread post by Sun » Mon Jul 13, 2009 8:30 pm

akerbeltz wrote:In any such endeavour you need to focus on key bits, since our resources are limited. That includes teachers.

So rolling out GME or classes across schools in Scotland is a) not doable and b) probably not desirable. You don't just need quantity you also need quality. Think of your average school-leavers French or Spanish skills. What use would that level of Gaelic be?

However, rolling out GME across all of the Western Isles, West Highlands and some of the Inner Isles (like Islay, Tiree...) would be feasible and have a huge impact on our core Gaelic speaking areas. Gaelic won't die as a language, there are too many dedicated people around but the big question of our generation will be if we win or loose the battle for those areas where Gaelic is spoken in daily life by a majority.
Hmm, true.. need to strengthen areas where gaelic is already strong and spread from there. Quality courses on real gaelic is a good idea too.

Post Reply